Âé¶ąÉç

Explore the Âé¶ąÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

Âé¶ąÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Ěý
Murdigan Dòmhnallach
BĂ s an Eich



Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile
Ma gheibh sinn beagan dhaoine nì falbh leat;
Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile
'S gum faigh sinn sruth a' Chaolais fod earball.

Bha dùil am Pabail Iarach gum maireadh tu gu sìorraidh
Nan cumadh iad thu biadhte le arbhar,
Ach 's e tha dhomh na dheuchainn nach d' fhuirich thu car bliadhna
Gu faighinn thu gu cliathadh na talmhainn.

Mo mhallachd aig a' cheĂ rd ud a reic thu ri mo nĂ baidh,
Thuirt ris gu robh thu lĂ idir is calma;
Ach thuig mi bho na cnĂ mhan nuair sheas thu anns an stĂ ball
Gun theich thu Ă s an Airc ron a' chalman.

Cha robh do chasan còmhnard bho thàinig thu don dùthaich,
Bha car annta gun cĂąlaibh gun falbh ast';
An sruth a bh' Ă s do shĂąilean a' bualadh air do ghlĂąinean
'S e sin a thug an lĂąths Ă s do chalpan.

Rinn sinn a h-uile cĂ il gus do chumail bho na ceĂ rdan,
Le mugaichean deoch-bhĂ n moch is anmoch;
'S e thuirt an Dotair Mòr bhios a' leasachadh do sheòrsa,
"A Chaluim, 's ann na bhrògan tha 'n aimlisg".

Nuair chuirte thu don "harness" 's do dhreasaigeadh an Ă irde
Cha bhiodh do shamhail air an t-srĂ id air feadh Alba;
Ach 's e do chasan cinn-sa, bho nach robh iad coimhleant' -
Cha leigeadh tu do bhoinn chun na talmhainn.

Bha daoine riut cho coibhneil, gad chaithris feadh na h-oidhche
'S iad ag rĂ dh gur e d' inntinn a mharbh thu;
Chaidh feadhainn de do dhàimhean le cabhaig chun an èildeir
Gus an cumadh iad ort cuimhn' anns an t-searmon.

Nuair chruinnich sinn DimĂ irt anns a' mhadainn aig an stĂ ball,
Chaidh fios airson do bhĂ is air feadh Alba;
Bha "Cook" 's e leis an ròpa ga theannachadh mud sgòrnan
'S e 'g ràdh gun deigheadh d' fheòil don a' Ghearmailt.

'S ann sin thuirt Coinneach Iomhair, "Chan eil mi idir riaraicht' -
Tha cuideam anns a' bhiast a tha mairbhteach;
Nam faighinn-sa mar dh'iarrainn, dheigheadh ullachadh a dhèanamh
A chumadh e Ă  fianais nan cailleachan".

Am fear don robh thu dìleas, chan eil e anns an tìr seo
Ach chuir e thugad "wreath" a bha ainmeil;
'S e nach robh e ann airson coiseachd aig do cheann
Dh'fhĂ g an t-eallach buileach trom air na dh'fhalbh leat.

Ma thèid thu chum nan cuantan 's gum faigh an sruth a tuath thu,
Feuch an cĂąm thu fuaradh air Tolastadh;
Tha bodaich anns an Ă it' sin, 's ma gheibh iad air an trĂ igh thu
A thilleas thu chun a' cheĂ ird bhon do dh'fhalbh thu.

An tè a ghabh do chùram, bha staigh 's a dhùin do shùilean
Tha ise gun fàd mònach bho dh'fhalbh thu;
Ach mus tig an t-Ă iteach gheibh i fear nad Ă ite
Ma bhios "spare" aig na ceĂ rdan am Barabhas.

[Gabh a' chiad rann a-rithist.]

Ěý

[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]

Ěý



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶ąÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý