Âé¶ąÉç

Explore the Âé¶ąÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

Âé¶ąÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Murchadh Iain MacCoinnich
Deireadh fòrladh



O, Leòdhais mo ghràidh, dèan innse dhomh 'n-dràst'
An Ă m dhomh bhith fĂ gail do ghlinn,
'N tèid mi thairis air sàil 'n dùil tilleadh gu bràth
No an slĂ n le mo ThĂ bost a-chaoidh?

Am faic mise tuilleadh a' ghrian ri dol sìos
'N taobh siar de Eilean mo ghrĂ idh?
Nan cluinn mi na buillean bhios tonnan a' chuain
A' bualadh bith-bhuan air a thrĂ igh?

Cha b' fhada bha 'n t-seachdain dol seachad an Leòdhas
An comann nan eòlach 's luchd-gaoil.
Chan fhaod mise fuireach ged 's duilich an-drĂ st'
Dhomh fĂ gail Eilean an Fhraoich.

'S na balaich a dh'fhĂ s sa bhaile-s' leam 'n Ă ird
'N-diugh sàs air muir agus tìr;
An nĂ mhaid gun thruas - ach gheibh sinn a' bhuaidh
Ged 's goirt agus cruaidh oirnn a' phrìs.

Gus an dĂąinear ar sĂąil sa chadal 's nach dĂąisg
Cha chuir sinn ar cĂąl air a' bhlĂ r:
Son aon a thèid sìos bidh còrr agus ceud
Gun fhiamh a sheasas nan Ă it'.

Nuair thĂ inig 'n ath-dhoras dhuinn naidheachd a' bhĂ is
Mo chrĂ idh-s' chan urrainn dhomh inns',
'S mo charaid na shuain an doimhneachd a' chuain:
Tha an smuain gu briseadh mo chrìdh'.

'S gu saoil leam gur 'n-dè bha mise 's e fhèin
Toirt ceum nan cladaichean Ă rd,
'S le gòraich' na h-òig' cur ruaig air na h-eòin
Bhiodh beò sna creagan len àl.

Ged bhios mise thall an dĂąthaich nan Gall
Is tric mi sna gleanntan nam smaoin;
'S a' cromadh don chladach moch madainn gu trĂ th
'S mo charaid mar bha ri mo thaobh.

Gach cnoc agus beann, gach sruthan is allt,
Gach gleann tha 'n eilean mo ghaoil,
Mas nì e nach till, 's nach bi mise leibh,
O, 's math bhios mo chuimhn' air gach aon.

[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]

Ěý

Ěý



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶ąÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý