Nam aonar le mo smaointean
'S a' ghaoth tighinn bho thuath,
Grian òr-bhuidh' mar ghrìosaich
Cur teine air chuan;
Na caoraich sholt cho sà mhach
Len à l sa chnoc mhòr,
Ciaradh feasgair cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
Na sabhalan fàs gun mullach
Na taighean bha là n,
An-diugh cho fuar 's cho falamh
Am fearann dol bà n;
Gun chrann ann, gun speal ann
Gun lìon ann, gun bhà t',
Eigheach cogaidh a thug bhuainn
Na balaich thuit sa bhlà r.
Ma chlaoidh sinne nà mhaid
An-drà st' faic prìs buaidh,
Cridhe mà thar crà idhte
'S na gillean san uaigh;
Cha dèan cliù no onair
Treabhadh dhuinn no buain,
Cianail falamh sìth a' bhà is
Cha till na fir chaidh uainn.
Aig uaigh fhuar Mhic a' Phearsain
San sneachda air Peighinn Phùir,
Chluich a' phìob port thuiridh
Am peilear bhrag cruaidh;
An cogadh faoin Nam Falklands
Thuit Gòrdan ro òg,
'N-uiridh, balach san sgoil à rd
An-diugh, a bhàs ar leòn.
A' ghrian tha dol sìos oirnne
Air prèiridh cur blà iths,
Oidhche tha gar dùnadh
Dùsgadh do chà ch;
Aig feasgar dorch ar cùrsa
Feith' dùsgadh là mhòir,
Ciaradh maidne cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
[Song lyrics sourced by the
(GRD) for educational purposes only.]