
Och a Theà rlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo lèireadh;
thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhà gte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach lèine,
Mo rùn geal òg.
Cò nis thogas an claidheamh no nì chathair a lìonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad ghrà dh;
ach ciamar gheibhinn om nà dar a bhith 'g à icheadh nas miann leam
is mo thogradh cho là idir thoirt gu à ite mo rìgh math,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich;
cha bu tà illear gun eòlas dhèanadh còta math geà rr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheà rr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.
Bu tu pòitear na dibhe 'n à m suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phà igheadh ged thuiteadh cà ch mu na bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiù leat, cha do dh'ionnsaich thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cùis air tè air chùl do mhnà pòsta,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh baintighearna phrìseil, len sìoda 's len sròlaibh,
dan robh mis' nam chùis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-à ithntean nan cumadh cà ch sinn bho phòsadh,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh bean a tha brònach eadar Tròndarnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam chèile.
bha mise là n sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chùis fharmaid mi fhìn dhaibh,
Mo rùn geal òg.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]