[Na facail le cead bho Flòraidh NicPhà il.]
M’ ionndrainn agus m’ iargainn ort, mharaiche nan cuantan,
Luasgan thonn na mara cha dèan togail air mo bhuaradh.
Ar saoghal cha bu mhaireann e, mharaiche nan cuantan.
Blà th na grèine deà lradh air cuan mar laisir luaineach.
Geòla gearradh fairge is cop mu sròin ga suaineadh.
Gualainn là idir fearail aic’, stiùiriche nam buadhan.
Long air dòigh sa chamhanaich ’s an oiteag ’g èirigh cruaidh oirr’.
Stuaghan uaine bagarrach is domhan dorcha, gruamach.
Bu shuarach leat an à mhghar aic’ ’s acarsaid ga buannachd.
Ach ruaig am bàs do chuairt air sà il, mharaiche nan cuantan.
Tha fuasgladh air an acair is tha gluasad air an iùbhraich.
Suain bith-bhuan biodh maille riut am port bhios sìtheil ciùin dhut.
Gabh a' chiad rann a-rithist
Ìý
Èist ri Raonaid Walker ag innse beagan mu dheidhinn an òran
agus dè tha i a' faireachdain mu thimcheall.