|  |
| Ìý |
 |
 |
Tha mise fo mhulad ’san à m;
Cha òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann mo chà il
A dh’fhiosraich do chà ch mo rùn.
Chan fhaic mi dol seachad air srà id
An cailin bu tlà ithe sùil:
'S e sin a leag m’aigne gu là r
Mar dhuilleach bho bhà rr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise ’gad ionndrainn mòr; Ma thagh thu deagh à ite dhut fhèin, Mo bheannachd gach rè ’gad chòir;
Tha mise ri osnaich 'nad dhèidh,
Mar ghaisgeach an dèis a leòn, Na laighe ’san à raich gun fheum ’S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
’S e dh’fhag mi mar iudmhail air treud, Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi, Do thuras bras-shìleadh dheur o’m shùil. B’fheà rr nach mothaichinn fhèin Do mhaise, do chèill, ’s do chliù; No suairceas milis do bheil As binne na sèis gach ciùil.
Gach an-duin’ a chluinneas mo chàs A’ cur air mo nà dar fiamh A’ cantainn nach eil mi ach bà rd ’S nach cinnich leam dà n a’s fiach - Mo sheanair a’ pà igheadh a’ mhà il Is m’athair ri mà ileid riamh; Chuireadh iad gearrain an crann Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
|
|