Is truagh nach d' rugadh dall mi gun chainnt is gun lèirsinn,
Mus fhac' mi t-aghaidh bhaintidh, rinn aimhleas nan ceudan?
Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan,
'S gum b' fhasa leam am bàs na bhith là thair às t-eugmhais.
³§Ã¨¾±²õ³Ù
Fil ò rò, fil ò rò, fil ò rò hug èileadh,
Fil ò rò, fil ò rò, fil ò rò hug èileadh,
Air fal li li li ò agus hò rò hug èileadh,
Chan fhaigh mi cadal sà mhach,
A ghrà idh, 's gun thu rèidh rium.
Is truagh nach robh mise agus tusa far an iarrainn,
Sia là na seachdain is seachd ochd bliadhna
An seòmraichean glaiste le clà idheanan iarainn,
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh.
Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan,
Na cuthag sa mhadainn Mhà ighe no clà rsach nan teudan,
Nan t-easbaig air là Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd,
Na ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
Is truagh nach robh mi fà gail an t-saoghail seo ro-chianail:
Bha dòchas faoin gam thà ladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail,
Ge fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìleas,
'S nuair thigeadh Là na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn.
Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]