³§Ã¨¾±²õ³Ù
Ochain, ochain, ochain uiridh
Is goirt mo chridhe, laoigh,
Ochain, ochain, ochain uiridh
Cha chluinn d' athair ar caoidh.
Chuir iad a cheann air ploc daraich,
Is dhòirt iad fhuil mu'n là r:
'S nam biodh agamsa an sin cupan,
Dh'òlainn dìth mo shà th.
Is ged tha mi gun ùbhlan agam
Is ùbhlan uile aig cà ch,
Is ann tha m'ubhal grinn cùbhraidh
Is cùl a chinn ri là r.
Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Air feadh coille is fhraoich,
Na bhith aig Baran crìon na Dalach
An taigh cloiche is aoil.
Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Cur a' chruidh do'n ghleann,
Na bhìth aig Baran crìon na Dalach
Ag òl air fìon is air leann.
Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Fo brata ruibeach ròin,
Na bhith aig Baran crìon na Dalach
Ag giùlan sìod is sròil.
Ba hu, ba hu, Ã srain bhig,
Chan 'eil thu fhathast ach tlà th:
Is eagal leam nach tig an latha
Gun dìol thu t'athair gu brà th.
Gabh an t-sèist às dèidh gach dà rna rann.