Mi 'm shuidhe an seo gad chuimhneachadh a mhaighdeann aoidheil chiùin
Gu bheil mi sgìth den t-saoghal seo bho chuir thu rium do chùl
Ged dh'fhalbhainn às an dùthaich seo a-null gu tìrean cèin
Gum bi mo chrìdh' ri bualadh airson gruagach a' chùil-rèidh.
Ged dhealaich sinn an-drà sta cha b' e d' fhà gail bha nam mhiann
Thug fear eile là mh dhut mun do rà inig mis' thu riamh
'S an cridh' tha cruaidh mar iarainn ged bu mhiann leis bhith ort dlùth
Cha bhrist e chaoidh son bòidhchead nìghneag òg na sùilean ciùin.
Carson a bhios mi cuimhneachadh na h-oidhcheannan a bh' ann
An-diugh nan adhbhar chianalais gur iad a liath mo cheann
'S ged 's toigh leam a bhith smaoineachadh gu faodainn bhith ort teann
Tha h-uile nì cho caochlaideach san t-saoghal bhochd a th' ann.
'S an dùrachd tha mi 'n-drà st' toirt dhut a rìbhinn
à lainn chiùin
Gum faigh thu fear nas fheà rr na mi a sheinneas à rd do chliù
Is cha bhi fios gu brà th agad gun tug mi grà dh dhut rùin
'S ged bhiodh tu daonnan là imh rium cha bhi fios aig cà ch co thu.
Ach feumaidh mi co-dhùnadh chan eil ùin' ann son a' chòrr
Chan eil ann ach faoineas dhomh bhith caoineadh son do sheòrs'
Ach molaidh mi gu brà th thu son do nà dar blà th gun ghò
Is nuair thig crìoch do là ithean gum bidh à ite dhut an glòir.
Ìý
[Song lyrics sourced by the
(GRD) for educational purposes only.]