Gur e m' anam is m' eudail chaidh an-dè do Ghleann Garadh
Fear na gruaig mar an t-òr is na pòig air bhlas meala.
³§Ã¨¾±²õ³Ù
O hi o o hu o, o hi o o hu o hi ri ri o hu eile
O hi ri ri ri o gheallaibh o.
'S tu as fheà rr don tig deise de na sheasadh air thalamh,
'S tu as fheà rr don tig culaidh de na chunna mi dh'fhearaibh.
'S tu as fheà rr don tig osan 's bròg shocrach nam baraille,
Còta Lunnainneach dubh-ghorm 's bidh na crùintean ga cheannach.
An uair a ruigeadh tu an fhèill 's e mo ghearr-sa thig dhachaigh,
Mo chriosan is mo chìre is mo stiomag chaol cheangail.
Thig mo chrios à Dùn Èideann 's mo bhrèid à Dùn Chailleann.
Gheibh sinn crodh às a' Mhaorainn agus caoraich à Gallaibh.
'S ann a bhios sinn gan à rach air à irigh am Brà igh Raineach,
Ann am bothan an t-sùgraidh 's gur e bu dùnadh dha barrach.
Bhiodh a' chuthag san smùdan a' gabhail ciùil duinn air chrannaibh,
Bhiodh an damh donn sa bhùireadh gar dùsgadh sa mhadainn.
Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]