
O Iain Ghlinne Cuaich, fear do choltais cha dual dha fà s,
Cùl bachlach nan dual 's e gu camlubach suas gu bhà rr;
's i do phearsa dheas ghrinn a dh'fhà g mi cho
tinn le grà dh,
's nach eil cron ort ri inns' o mhullach do chinn gud shà il.
'S mòr mo mhulad mu an sgeul seo tha 'n-diugh ann
am beul gach neach -
's e chuir m' acain cho geur gura sgeul e nach fheud mi chleith;
thoir an t-soraidh seo bhuam dh'fhios an fhleasgaich as uaisle dreach
a dh'fhà g aiceid am thaobh chuir saighead an aoig fom chneas.
Ach ged thug mi mo ghaol air dhòigh is nach faod mi
chleith,
cha b' e gille bochd, truagh ris 'n do tharraing mi suas mar fhear
ach am fiùran deas, ùr a dhìreadh an stùc-bheinn chas,
dhèanadh fuil air an driùchd leis a' ghunna nach diùltadh srad.
Cuim an ceilinn air cà ch gu bheil agam dhut grà dh
nach mùth -
's beag an t-iongnadh ged thà nuair a chithear fod armaibh thu;
's math thig daga ghleòis dhearbht' agus sgiath nam ball meanmha dlùth
mar ri claidheamh chinn òir air crios daingeann a chòir mo rùin.
Iain, Iain a ghaoil, cuime a chuir thu mi faoin air
chùl,
gun chuimhn' air a' ghaol a bha againn araon air tùs,
cha tug mise mo spèis do dh' fhir eile fon ghrèin ach thu,
is cha toir ad dhèidh gus na cà irear mo chrè san ùir.
Ged a chinn thu rium fuar, bheil thu, Iain, gun truas
's mi 'm chà s,
's liuthad là agus uair chuir thu 'n cèill gum bu bhuan do ghrà dh?
ach ma chaochail mi buaidh, is gun do choisinn mi d' fhuath no d' fhearg
tha mo bheannachd ad dhèidh, 's feuch an tagh thu dhut fhèin nas fheà rr.
Ach an trian dhe do chliù cha chuir mise, a rùin an
cèill,
Is caoimh faiteal dhed ghnùis na ùr choille fo dhrùchd ri grèin.
Gum b' e miann mo dhà shùil a bhith sealltainn gu dlùth ad dhèidh,
'S math a b' airidh mo rùn-sa air ban-oighre a' chrùin fo sgèith.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]
Air Ais.