Âé¶ąÉç

Explore the Âé¶ąÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

Âé¶ąÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Ěý
Calum Ailig MacMhaolain
Mo dhĂąthaich ri tighinn air  m' aire

[Na facail le cead bho Etta Bell NicMhaolain.]


Bithidh mo dhĂąthaich ri tighinn air m' aire,
Bithidh mo dhĂąthaich co dhiubh an dachaidh,
An taobh Cnoc Chusbaig 'san Eilean Fhada,
'S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.

Bithidh mi cianail 's chan ioghnadh dad deth,
FĂ gail Shiadair 's a' triall bho m' dhachaidh,
Far robh mi dòigheil le lòn 's le aran,
Mi fàgail còir dheth 's a sheòl mi 's t-Earrach.

'S ann ann a fhuaireadh mi 'na mo leanabh,
'S ann ann a dh' fhĂ s mi nuair bha mi 'm bhalach,
'S mi ann le MĂ iri 's mo phĂ isdean laga,
Nach cianail fhĂ gail 's mi'n sĂ s ri leth-cheud.

O, bidh mi smaointinn air tìd chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mu'n teine,
Air glĂąin am mĂ thar le grĂ dh 'gan altrum,
Mu'n d'thainig bĂ s air ar sgĂ th 'gar sgapadh.

'S e so tha fĂ gail dol bĂ n mo dhachaidh,
BĂ s am mĂ thar 's am brĂ thar mhaisich,
Iad air an Aoigh far nach cluinn iad facal,
'S e so chuir sgoinn air a' chloinn gu sgapadh.

Tha trioblaid, Ă mhghar, tha bĂ s is freasdal,
Ann bhi 'gan Ă rach mu'n d'fhĂ g an dachaidh
'S am beagan phĂ isdean a dh' fhĂ gadh agam,
A' maoidheadh m' fhĂ gail mur tĂ r mi 'n leantainn.

Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar,
Cò ghabhas diù dhiom nuair thig mo laige,
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran,
Bho chaill mi MĂ iri 's a h.Ă ite falamh?

Cha leig mi bhuam iad ach ni mi'n leantainn,
Theid mi null gu taobh thall na mara,
Gheibh sinn Ă ite anns an dean sinn tĂ mhachd,
Ged bhios an lĂ rach s' air fhĂ gail falamh.

Bho chionn ochd bliadbna bu bhriagh an sealladh
Aig meadhon Shiadair air criochan m' athar,
Bha aona mac deug ann de ghillean ciatach,
Iad tric a' biathadh mo lion gu adaig.

Air oidhche Gheamhraidh bhiodh camp dhiubh agam,
Bhiodh fear ag cĂ ireadh 's bhiodh snĂ th 'ga thachras,
Fear sgileadh fhiasgan 's bhiodh fear a' biathadh,
'S ag cur mo lion ann an cliabh 'nan laighe.

'S iomadh dòigh rinn na seòid ud sgapadh,
Tha beatha 's bĂ s deanadh lĂ raich falamh,
Far robb mo phĂ isdean is clann mo bhrĂ ithrean,
Bhiodh feur a' fĂ s ann gun sĂ il dha shaltairt.

Seall mu'n cuairt Ă m na buain 's as t-Earrach,
Cha bhi aon air an raon ach Calum,
Is dithis phĂ idean nach 'eil an Ă rd orr',
Ma bhios an t-s1Ă int ac' ni iad cĂ ch a leantainn.

Mo mhac a b'òige cha bheò am fear sin,
Is ceud.ghin, Murchadh, a dh' fhalbh do Afric',
A thogadh còmhla rium mus do phòs mi,
'S an tir nam "Boers" tha chòmhnuidh aige.

Tha iomadh fiĂąran chaidh fiĂąghail altrum,
An Eilean Leòdhais tha thall an Africa,
Nach fhaic am pĂ rantan air an cĂ ireadh,
'S tha mac mo bhrĂ thar 'san Ă ireamh aca.

Och, a shaoghail, 's tu chaochail aighear
'S tu mheall mi fhéin le do mhiltean gealladh,
Nuair a shaoil mi a bha iad fior dhomh,
Mar mholl roimh ghaoith chaidh gach aon a sgapadh.

Bho shìn am bàs rium 'se dh'fhàg mi falamh,
Tha m' fheoil 's mo chnĂ mhan 's an sĂ l dol eadar,
'S mo dhachaidh fĂ sail gun fĂ ileadh teine,
'S mi fhéin 's mo chlann air taobh thall na mara.

Tha m'fheum air còmhnadh gu mòr na'm faighinn
'S gun deanainn gréim air na tha 'na ghealladh,
Bho'n Ear gu'n Iar fhad's tha ghrian a' riaghladh,
Na tha 'ga iarraidh tha dion dhaibh Aige.

An tìr nam beann is nan gleann chaidh m' altrum,
An Eilean Leòdhais nan daoine tapaidh,
'S an robh an Diadhachd bho chiantan fada,
'S ged dheidheadh an criathradh tha siol ann fhathast.

Tha 'n t-Ă m tigh'nn dlĂąth 's chan 'eil dĂąil a sheachnadh,
'S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachduin,
'S am fĂ g mi'n dĂąthaich 's an lĂąiginn cadal,
Air bĂ t' na smĂąide, 's mi gun dĂąil thigh'nn dhachaidh.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶ąÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý