|  |
| Ìý |
 |
 |
[Na facail bhon t-seinn aig Catrìona NicGill-Eain.]
³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Tha mi sgìth ’n fhògairt seo.
Tha mi sgìth dhe ’n t-srìth.
Seo an tìm dhòrainneach.
Tha mi sgìth ’n fhògairt seo.
Ged a tha mi fon choille,
chan eil coire ri chòmhdach orm.
Ach mi sheasamh gu dìleas,
leis an rìgh bho ’n bha chòir aige.
Thoir mo shoraidh thar linne,
dh' ionnsaidh ghlinne am bu chòir dhomh bhi.
Thoir mo shoraidh le dùrachd,
gu Sgùrr Ùrain ’s math m’ eòlas ann.
’S a’ bheinn ghorm a tha mu choinneamh,
leam bu shoillear a neòineanan.
Thoir mo shoraidh le coibhneas,
gu Tòrr Loighsich nan smeòraichean.
Suas is sìos troimh Ghleann Seile,
’s tric a leag mi ’n damh cròic-cheannach.
Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath.
|
 |

[An clà radh le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba.]
Is duilich leam an cà radh
Th’ air coire gorm an fhà saich,
An robh mi greis a m’ à rach
’S a’ Bhrà ighe seo thall;
’S iomadh fear a bhà rr orm
A thaitneadh e r’ a nà dur,
Nam biodh e mar a bhà e
’N uair dh’ fhà g mi e nall;
Gunnaireachd is là mhach,
Spurt is adhbhar ghà ire,
Chleachd bhith aig na h-Ã rmainn
A b’ à bhaist bhith ’sa’ ghleann.
Ach rinn na fir ud fhà gail,
’S Mac Eóghainn t’ ann an drà sda,
Mar chlach an ionad cà baig,
An à ite na bh’ ann.
Tha choille bh’ anns an fhrìth ud,
Na cuislean fada dìreach,
Air tuiteam is air crìonadh
Sìos as an rùsg;
Na prisean a bha brìoghmhor,
Na dosaibh tiugha lìonmhor,
Air seacadh mar gun spìont’ iad
A nìos as an ùir;
Na failleanan bu bhòidhche,
Na slatan is na h-ògain,
’S an t-à it am biodh an smeòrach
Gu mòdhar a’ seinn ciùil -
Tha iad uil’ air caochladh,
Cha d’ fhuirich fiodh no fraoch ann,
Tha ’m mullach bhà rr gach craoibhe,
’S am maor ’ga thoirt diùbh.
Tha ’n t-à it an robh na fuarain
Air fàs ’na chroite cruaidhe,
Gun sóbhrach gun dail-chuaich,
Gun lus uasal air carn;
An sliabh an robh na h-èildean,
An à ite laighe ’s èirigh,
Cho lom ri cabhsair fèille,
’S am feur, chinn e gann.
Chuir Alasdair le ghèisgeil
A’ ghreigh ud as a chèile,
’S ar leam gur mòr an eucoir
An eudail a chall;
Cha lugha ’n t-adhbhar mìothlachd
Am fear a chleachd bhith tìorail
A’ teà rnadh is a’ dìreadh
Ri frìth nan damh seang.
|
|