³§Ã¨¾±²õ³Ù
Hì rì o rì rì togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' chuain;
Eilean beag Leòdhais, dachaigh nan seòid
A chumas an còmhrag suas;
Eilean nan tonn a dh'Ã raich na suinn
'S a chuidich an Fhrà ing gu buaidh,
Còmhla ri chèile togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' Chuain.
Bha Ghearmailt ealamh 's i sealladh mun iar
'S an domhain ma b' fhior na dòrn;
A rùn air cogadh 's i togail a sà th
De chaistealan à lainn ceò;
Clach-stèidh am bunait air gainneamh na trà ghad,
Am mullach gu h-à rd sna neòil -
'S earball-sà il na h-Iuthairn a h-à it'
Nuair thig am muir-là n na còir.
A Dhia bi maille ri muinntir a' bhròin,
'S na fir a tha leòinte, tinn,
Bho ìnean guineach na h-iolair' a bhòc
Air fuil agus feòil do chloinn;
Tha gaoth an fhir-mhillidh na itean, 's a chròg
A' druideadh mu sgòrnan teann,
Tha 'n leòmhann a' fà sgadh Uilleam a DhÃ
Is spiollaidh i chnà mhan lom.
Do là mh, a charaid, gu Eilean a' chuain
'S a h-eallach cho cruaidh is trom.
Tha 'm bàs le cabhaig a' sgathadh 's a' buain
Gun duine nì suas a call.
Tha 'n òigridh sgoinneil a sheòlas na caoil
An à ite nan laoch a bh' ann,
Gun bhoineid, gun bhròig, a' siubhal nan raon
An Eilean an Fhraoich ud thall.
O 's là idir na bannan gam tharraing a-null
Gu Eilean beag donn MhicLeòid,
'S gu stiùir mi gu h-ealamh gu cala mo long
Nuair ruigeas mi ceann mo lò.
'S ma ghreimicheas m' acair ri Carraig nan Al
Bidh m' anam tighinn sà bhailt' beò,
Mo shiùil air am pasgadh am fasgadh Chill Sgà ir
Lem athair 's mo mhà thair chòir.