³§Ã¨¾±²õ³Ù
'N tèid thu leam mo nighean donn,
falbh thu leam gu tìr mo rùin,
'n tèid thu thairis leam thar thonn
null gu eilean donn an fhraoich?
Tha gach abhainn, sruth is allt
siubhal mall gu trà igh a' chuain
's bidh na h-eòin le ceòl nach gann
madainn shamhraidh air am bruaich.
Chì thu cladaich an taobh siar,
bidh mais' a' riaghladh anns gach à it',
is air gach cnoc is gleann bidh sgiamh
nuair a bhios a' ghrian cur fà ilt'.
Chì thu machraichean an Taobh Thall
gu trà igh Shanndaigh 's Druim an Sgèir,
Cnoc na Ceà rdaich ris an allt
air an campaich crodh gu sèimh.
Chì thu 'n creagan a tha buan,
Gheodha Ruadh dhan tug mi grà dh,
's tric a thug ar sinnsir riamh
iomadh biathadh aist le trà igh.
Chì thu 'n cnoc mun robh mi uair
dèanamh ruagail air gun bhròg,
's bidh an t-ionad thog mi suas
cur am smuain nuair bha mi òg.
Siud an t-Ã it' san robh mo thriall,
siud a' chrìoch don tug mi spèis,
siud an tulach beag bho chian
bha na dhìon dhomh 's mi gun chèill.
Ach dh'aindeoin à it' san robh mi riamh,
ged a thriallainn an Roinn Eòrp'
's e na Còig Peighinnean mo mhiann
's ann a dh'iarrainn crìoch mo là .
Ìý
(Na facail le cead bho Chomunn Eachdraidh Nis)