Âé¶ąÉç

Explore the Âé¶ąÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

Âé¶ąÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Ěý
Gaol_duthcha: Eist an seo
Eilean Beag Donn a Chuain le Dòmhnall Moireasdan, air a sheinn le Iseabail Anna Mhàrtainn


ł§Ă¨ľ±˛őłŮ
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu brĂ th,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
'S toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blĂ r,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Is toigh leam an sprèidh tha streap ri mullach nam beann,
An canach 's am feur 's gach geug a thogas a ceann,
O! 's toigh leam gach cĂąil, gach lĂąb, gach coire agus cĂ rn,
Tha an eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Is toigh leam an cuan 'tha cuartach' eilean mo ghrĂ idh,
'S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu trĂ igh.
Is toigh leam na h-èisg, 's gach creutair beag a ni tàmh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Is toigh leam an òigridh, cheòlmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairc' tha 'g imeachd air srĂ id,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghrĂ idh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach là.
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a gràdh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Bidh coirc' agus eòrn' gu leòr an eilean mo ghràidh,
Bidh biadh air a' bhòrd is còrr mu choinneamh gach tràth.
Bidh aois agus òg gach là ri faighinn an sàth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach lĂ ,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.

Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghrĂ idh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrĂ idh.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶ąÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý