ÂéśšÉç

Explore the ÂéśšÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

ÂéśšÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Ěý
Gaol_duthcha: Eist an seo
Nuair a dh' iathas ceò an fheasgair dlÚth le Murchadh Moireasdan air a sheinn le Caitlin NicDhòmhnaill

Èist an seo


Nuair dh'iathas ceò an fheasgair dlÚth
Cur smĂšid air bhĂ rr nam beann,
'S an crodh bhon innis cnĂ mh an cĂŹr
Cho sgĂŹth a' tighinn don ghleann;
Nuair bhios a' bhanachaig 'm beul na h-oidhche
Don laoigh toirt deoch le meòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.

Nuair bhios a' ghrian san Ă irde 'n iar
Dol sÏos aig crÏoch an lò,
'S a' cur an soills' air feadh nan sliabh,
'S a sgiamh mar dhreach an òir;
'S nuair bhios na caoraich leis na h-uain
Cho suaimhneach aig a' chrò,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.

An uair bhios coileach ruadh an t-slèibh,
Measg gheugan leum cho beò,
'S a' gogail shuas mu bhil na fèith,
'S a chèile fhèin na chòir;
'S gach creutair beag mu sgĂ il nam bruach
Nan suain len àl gun treòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.

'S ged bhiodh air an fheasgar gruaim
'S an t-slighe buan gu leòr
Is tuinn nan loch a' flodraich fuar
Lem fuaim am measg nan còs,
Gun dèan na thug mi dhut de luaidh
An ruaig chur air gach bròn;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.

Bheil cuimhne agad nuair bha sinn saor,
'S air feadh nan raon gun leòn,
A' buachailleachd a' chruidh 's nan laogh,
Gun smaoin air maoin no stòr;
Tha cuimhneachain air Ă m a dh'aom
Gam dhèanamh aotrom beò;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.

Tha bĂ t' na smĂšid don chala dlĂšth,
'S gach ròp is stiÚir air dòigh,
'S nuair ruigeas i leam tĂŹr mo rĂšin
'S an robh mi 'n tÚs mo lò,
'S an anmoch chiĂšin nuair bhios gach flĂšr
'S an canach Úr nan glòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rÏbhinn òg.



[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



An Àtaireachd Àrd le Dòmhnall MacIomhair air a sheinn le Cathy Anna Nic a' Phì

Èist an seo

An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd Ă rd,
Tha torann a' chuain
Mar chualas leam-s' e nam phĂ ist,
Gun mhĂšthadh gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na trĂ ghad
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd Ă rd.

Gach lĂ d le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bĂ n
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgĂ th,
Ach strĂŹochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig cĂ ch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile-sa tĂ mh.

Sna coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu brĂ th,
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A-riamh air lagan a' bhĂ igh.
Ach iadsan bha fial
An gnĂŹomh, an caidreamh, 's an Ă gh
Air sgapadh gun dĂŹon,
Mar thriallas ealtainn ro nĂ mh.

Seileach is luachair,
Cluaran, muran is stĂ rr
Air tachdadh nam fuaran
'N d' fhuair mi iomadh deoch-phĂ it;
Na tobhtaichean fuar'
Le bualan, 's cuiseag gum bĂ rr,
'S an deanntagach ruadh
FĂ s suas sa chagailt bha blĂ th.

Ach chunnaic mis' uair
'M bu chuannar beathail an t-Ă it',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan cĂ il,
Le mĂ thraichean suairc
LĂ n uaill nan companaich grĂ idh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan trĂ th.

Ag amharc mun cuairt,
Cha dual dhomh gun a bhith 'm prĂ mh:
Chan fhaic mi an tuath
Dem b' shuaicheant' carthannas tlĂ th -
Nam fògarraich thruagh,
Chaidh 'm fuadach thairis air sĂ l,
'S cha chluinn iad gu buan
Mòr-fhuaim na h-ataireachd àird.

Fir-sgiĂšrsaidh an t-sluaigh,
Cha bhuan iad bharrachd air cĂ ch:
Bu chridheil an uaill
Gar ruagadh mach gun chion fĂ th,
Ach sannt agus cruas,
An duais tha aca mu thrĂ th -
Mòr-dhiomb' is droch luaidh
An uaigh le mallachd nan Ă l.

Ach siĂšbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhĂ il;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo lĂ ,
An Ă m dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhĂ is
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd Ă rd.



[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the ÂéśšÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý