Âé¶¹Éç

Explore the Âé¶¹Éç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

Âé¶¹Éç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
Ìý
Ruairidh Caimbeul
Mo rùn air na maraichean



³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Hill ù òro hù ò.
Mo rùn air na maraichean,
'S e maraichean an t-sùgraidh,
Bu shùnndach a leanainn iad.
Hill ù òro hù ò.

Dimàirt a dh'fhàg sinn Grianaig
Bu chianail na caileagan.
A' crathadh an cuid bhrèidean
'S sinn fhèin anns na crannagan.
Hill ù òro hù ò.

A' crathadh an cuid bhrèidean
'S sinn fhèin anns na crannagan.
'S e Sìne Dhonn a b'ainm dhith
'S gu dearbh 's math a bhaisteadh i.
Hill ù òro hù ò

'S e Sìne Dhonn a b'ainm dhith
'S gu dearbh 's math a bhaisteadh i.
Chan fhacas na bu bhòidhche
A' seòladh bho acarsaid.

°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ

Chan fhacas na bu bhòidhche
A' seòladh bho acarsaid.
'S an uair a dh'fhàg sinn Cluaidh
Bha a' ghaoth a tuath mar chaitheadh i.
Hill ù òro hù ò.

An uair a dh'fhàg sinn Cluaidh
Bha a' ghaoth a tuath mar chaitheadh i.
Bu chiatach leam a gluasad
A' fuaradh air Ealasaid.
Hill ù òro hù ò.

Bu chiatach leam a gluasad
A' fuaradh air Ealasaid.
Tha Nollaig a' tighinn dlùth dhuinn
'S tha Bhliadhn' Ùr a' teannadh oirnn'.
Hill ù òro hù ò.

Tha Nollaig a' tighinn dlùth dhuinn
Is tha Bhliadhn' Ùr a' teannadh oirnn'.
Bidh m'aighear 's mo thoil-inntinn
Air tìr 'san Eilean Mhanainneach.

°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ

Bidh m' aighear 's mo thoil-inntinn
Air tìr 'san Eilean Mhanainneach.
Gur mise bhios fo leòn dheth
An seòmar an Admiral.
Hill ù oro hù ò.

Gur mise bhios fo leòn dheth
An seòmar an Admiral.
'S nach fhaigh mi dhan taigh-òsda
A dh'òl leis na cailleagan.

°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ

Ⱦ±²õ³Ù ri Ruairidh Caimbeul a' còmhradh mun òran seo.


Ìý

Ìý



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶¹Éç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý