Âé¶ąÉç

Explore the Âé¶ąÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Aigcridhearciuil

Âé¶ąÉç Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý
Ěý
Iain "Hoddan" Dòmhnallach
A Pheigi a' ghrĂ idh



A Pheigi a ghrĂ idh 's tu dh'fhĂ g mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chĂąrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.

Bhon dhealaich thu rium neo shunndach m' aigne gach lĂ ,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghràdh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d'fhaighinn gu brĂ th,
Gum faic thu led shĂąil, a rĂąin nach bi mi fad slĂ n.

Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far do dh'fhĂ g mi mo rĂąn fo thĂąrs am baile nan Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.

Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha bhi oirnn dìth
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh a luaidh nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bĂ rr a ghrĂ idh ged 's maraiche mi.

Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach Ă ite is ceĂ rnaidh, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda sheasadh riut suas,
A bhean a' chĂąil bhĂ in chaidh Ă rach an Uibhist nam buadh.

An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat thall
Is fàinne den òr mud mheòir gar ceangal le bann
'S ma thilleas mi luaidh thar chuain an turas seo nall
Dh'Aird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.

Gun sguir mi den dàn mu 'm fàs sibh uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-dràst' cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' ChĂ rnain dh'Ă raicheadh cailin mo chridh'.



[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]

Ěý

Ěý



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the Âé¶ąÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý