Fail ò ro mar dh'fhà g sinn,
Cur cùl ri ar cà irdean,
Tha gillean gasda na dùthchadh
Cur shiùil ri cruinn à rda.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Nuair dh'fhà g sinn a-mach Cluaidh,
Gum bu luath i air sà ile;
Gun d'thug iad fìor-dhroch-chliù dhith
An criù a rinn a fà gail.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Nuair sheòl sinn mach à Grianaig,
Gur cianail a bha sinn,
A' cuimhneachadh na h-ighneagan
A dhèanadh fiamh a' ghà ire.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Diciadain rinn sinn seòladh,
'S bu bhòidheach a bha i:
Trì fichead seòl 's a trì ris
An rìbhinn a b' à ille.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Nuair dh'fhà g i fearann Èirinn
Gun shèid i gu là idir,
DÃ reef againn 'na foresail
'S na royals a b'Ã irde.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Nuair dh'fhà g i 'n t-Eilean Ruadh
Chuir sinn suas ar cuid chà baill;
Sin dhiùlt i dhol mun cuairt
'S chaidh an Suaineach a bhà thadh.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
'S gur mise a ghabh an t-uamhas
Nuair a chuala mi chà nail,
'S gun d'thuirt am Mate am Beurla:
"Sin fhèin à it as fheà rr dha."
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.
Bha sgiobair air a' chuatar-dec
'S e 'g èigheach cruaidh gu h-à rd ruinn,
'S cha b'ioghnadh liom ged liathadh e,
Nan dèanadh sìoban sà il' e.
Fail ò ro mar dh'fhà g sinn.