An gaol a chunnaic mi an-diugh
Gur luath leam a dhealaich sinn
An grà dh a chunnaic mi an-diugh
Gur muladach a tha mi.
Gur mise tha gu brònach,
Mi 'n diugh a' dol a sheòladh
A' toirt a-staigh na ròpanan
'S a' falbh air bhòidse thar sà ile.
Sìos troimh abhainn Chluaidh
Gur robh sealladh snog mu chuairt dhuinn
Gach fear 's a lasd ri ghualainn
Ged is fhada bhuam-sa bha i.
Tha aon rud ann tha còrdadh rium
Tha gillean gasda còmhla rium
Tha an Dondaidh ann 's an Dòmhnallach
'S Niall Caimbeul 's còir dhomh à ireamh.
'S ann chanas iad "A' Ruairidh," rium
"Carson a bhios tu 's gruamain ort,
'S cho luath 's gu ruig sinn Cluaidh
Gun tèid sinn suas gu Niall MacAoidh."
Ach mhionnaich agus bhòidsich mi
Gu sguirinn-sa den ghòirich ud.
Deur tuilleadh dheth nach òlainn-sa
Ged gheibhinn stòr na bà nrigh.
Nuair thilleas mise an turas seo
An Glaschu chan fhuirich mi
Ach gheibh mi deas bho m' aithinn
Thèid mi dh'Uibhist nam beann à irde.
Gheibh mi bà ta na smùide
Às an Òban nì i cùrsa leam
Air Loch Baghasdal mo rùin-sa
Far bheil dùil aca gach là rium.
Gur mise tha gu tùrsach
'S a Chommerce 's mi ga stiùireach
'S a h-aghaidh air Vancouver leinn
Gur fhada a-null a tha sinn.
An gaol a chunnaic mi an-diugh
Gur luath leam a dhealaich sinn
An grà dh a chunnaic mi an-diugh
Gur muladach a tha mi.
[Na facail bhon t-seinn aig Seumas Caimbeul.]