³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Mo thruaigh lèir thu 'ille bhuidhe
's ann an-diugh tha 'n dèidh ort
mo thruaigh lèir thu 'ille bhuidhe.
Tha 'n Earbag 's i air acarsaid
Am baile puirt an Èirinn.
Chuir sinn croinn sa bhà ta
Dà là mun do dh'fhà g sinn Èirinn.
Cùtairean is gà idsearan
Gar sà rachadh le chèile
Nuair a dh'at an fhairge
'S i 'n Earbag a bha treubhach.
An Earbag 's i cho dìonach
Ri botal fìon is cèir air.
Dh' òl sinn slà inte an sgiobair
Nach robh idir anns an èisteachd.
Dh'òl sinn buaidh don bhà ta
Thug sà bhailt' sinn à Eirinn.
Bha uisge 's clachan-meallain ann
Is canabhas ga reubadh.
Seachad Caisteal Dhuairt leath'
Gun robh ar turas rèidh leinn.
Bha sinn an Loch Alainn
Mun d' rinn ach pà irt dhiubh èirigh.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]