
Soraidh leat a Dhòmhnaill Ruairidh,
Leam is truagh a bhi gad fhà gail.
'S tu tilleadh gu tìr an eòrna,
Far an robh sinn òg nar pà isdean.
B' e mo dhùrachd a bhi còmhl' riut,
Fà th mo bhròn chan eil e an dà in dhomh.
'S mi seòladh gu tìr nan ùbhlan,
Far am bheil mo rùin-sa tà mh ann.
'S nuair a ruigeas tu an cidhe tuath
'S a' chruinnicheas iad mu
chuairt cuir fà ilte ort,
Bheir mo thoiridh-sa gan ionnsaigh,
'S biodh
i dùbailte gu pà irt dhiubh.
Nuair a thèid thu suas gu Fionnlagh,
Ged
nach eil an leann ro à raid,
'S truagh a Rìgh nach mi bha comhl' riut,
'S gum biodh againne stop no dhà dheth.
'S gum biodh Alasdair MacDhòmhnaill
A' faighinn air dòigh a' bhà ta,
'S bheir an t-aiseag a-null dhut,
'S cha bhi dùil aige ri pà igheadh.
'S mar bidh "motor" ann am portan
Gur math a nì seo na h-à ite,
'S cuiridh Iagan Thearlaich dòigh air
Gun dhol dhan t-Òban ga chà radh.
'S e seo an trup gam bheil mi sgìth,
Gu bheil droch shìde againne on dh'fhà g sinn
Sin ron Chuan an Iar sa gheamhradh,
'S i cho trom le cargo grà in innte.
Gu bheil na bancaichean cho gruamach,
'S deigh mun cuairt orra anns gach à ite,
'S mar bidh còmhdach air
na cluasan,
Leis an fhuachd a reòth am bà rr dhiubh.
'S gur e bliadhna
leam gach uair
Gun till a Chluaidh ma tha e an dà in dhith
'S gum faigheadh-sa
mo phoc air tìr
'S mòran ga dhìth bho dh'fhà g sinn.
Aig na
pricks a tha gu h-ìosal
'S gur e mheirle chuir innte pà irt dhiubh
'S ma chanas duine nì riutha
'S cinnteach 's e sgrìob dhe rà sar.
An còcaire is e cho salach,
Faireachaidh sinn air astar fhà ileadh
An à m èirigh 's a mhadainn
'S e taobh an fhuaraidh is fheà rr dheth.
Fear eile anns a "ghalley"
Ris an abair iad am bèicear
Tamhasg eile
's car na shùilean
Gus bhi rùsgadh a' bhuntata.
'S chan iongnadh
mise a bhi truagh dheth,
Meite mu chuairt orm 's gach à ite
Boinne
fuar a' ruith o shròin,
'S paidhir bhrògan air gun sà ilean.
Briogais
air a feum air fuaigheil
'S i air a cumail suas le tà irnean
'S ann
a bha e òg 's a chuaraidh
Man a ghluais e a Cheann Phà draig.
Ach
tha gillean gasta ron chrann
An tìr nam beann a fhuair an à rach
Alasdair
Ruairidh is Iain Stiùbhart
A nì stiùireadh dhachaigh sà bhailte.
Nuair a thèid sinn sìos gu h-ìosal
A dh'aindeoin sgìos gun dèan sinn gà ire
Naidheachd aig gach fear ri innse
Man trì bh' ann on dh'fhà g sinn.
'S iomadh fear le briogais glùine
Thèid gu ùrlar gu math strà ichdal
Tha cuir sìos air fear na mara
Tha cosnadh aran gu math à rach
Ach
nam biodh pà irt dhiubh an iar air Torry
Anns a' bholain bhrog an-drà sta
Cha bhiodh sannt aca air am biadh
No idir feuchainn air an Charleston.
[An
clà radh le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba. Na facail bhon t-seinn aig Donnchadh
Churraidh.]