|  |
| Ìý |
 |
 |
Tha a' mhadainn soilleir grianach,
'S a' ghaoth 'n iar a' ruith gu rèidh;
Tha an linne sleamhainn sìochail
On a chiùinich strì nan speur;
Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tà mh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
A' toirt an fhios seo chun a' bhà ird.
³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Thoir am fios seo chun a' bhà ird,
Thoir am fios seo chun a' bhà ird,
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' bhà ird.
Ged a roinneas gathan grèine
Tlus nan speur ri blà th nan lòn,
'S ged a chìthear sprèidh air à irigh,
Is buailtean là n de dh'à lach bhò,
Tha Ile 'n diugh gun daoine;
Chuir a' chaor' a bailtean fas;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' bhà ird.
°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ
Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
No 'm fear-astair fois o sgìos
No soisgeulach luchd-èisdeachd;
Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
Tha an nathair bhreac na lùban
Air na h-ùrlair far an d'fhà s
Na fir mhòr a' chunnaic mise;
Thoir am fios seo chun a' bhà ird.
°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ
Ìý
Ìý
|
|