Cha b' e sneachda 's an reothadh bho thuath,
Cha b' e 'n crannadh geur fuar bhon ear,
Cha b' e 'n t-uisge 's an gailleann on iar,
Ach an galair a' bhlian' on deas
Blà th, duilleach, stoc agus freumh,
Cà nan mo thrèibh 's mo shluaigh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù:
Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann Cà nan na Fèinn'.
Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann CÃ nan nan Gaidheal.
Fair a-nuas dhuinn na coinnlearan òir
'S annt cà iribh na coinnlean geal cèir,
Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
'N taigh-fhaire seann chà nan a' Ghaidheil
'S e siud o chionn fhad' thuirt a nà mh
Ach fhathast tha beò cà nan nan treun
Ged theich i le beath' Ã s na glinn,
Ged 's gann i 'n-diugh chluinntear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdar nam bò;
Ach thugainn, thig cò' rium gu siar
'S i fhathast ann ciad-chainnt an t-slòigh.
'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
San dubh-oidhch' 's thog duan GÃ idhlig a chridh'
Agus gaisgeach a bhrosnaich sa bhlà r
Gu euchd nuair bu teotha bha 'n strì
O Ghaidheil O, cà ite 'n deach d' uaill
A dualchas, cà nan is tìr?
°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ
Tha na suinn lem bu bhinne bha d' fhuaim
Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh à rd,
Air an druim anns na h-uaighean nan suain
Suas air èirigh, mo thruaigh' tha nan à it',
Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid
Linn òg air a' Ghà idhlig rinn tà ir.
Ged nach cluinntear nas mò mi san Dùn
No 'n talla nan cliar 's nan còrn,
Ged tha meòir Chlann 'ic Cruimein gun lùths
On tric feasgair chiùin dhòirteadh ceòl,
Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar
Balla-dìon gheibh thu, Ghà idhlig, 's do chòir.
Uair chite fear-fèilidh sa ghleann
Bu chinnteach gur GÃ idhlig a chainnt,
Ach chaochlaidh i dùthaich nam beann,
Air an ainm ud is ceà rr i 'n-diugh sloinnt,
Chan e 'n dùthaich a bh' ann a th' ann,
'N-diugh 's dùthaich nan "Coloneis" a th' innt',
O, chà nain ta leth ri mo chridh',
M' aran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
'S tu cho aost ri fraoch dosrach nam frìth,
Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr,
Albainn gad easbhaidh 's gad dhith
'S clà rsach-aon-teud is cuislean gun fhuil.
Suas togamaid Gaidhealtachd nuadh
Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
Gaidhealtachd às 'n dèanar uaill,
Ait' à rd uasal aig cà nan is ceòl,
'S biadh-beatha aig spiorad 's aig brù
Ri fhaotainn gun dhìth air do bhòrd.
°Ú³§Ã¨¾±²õ³Ù±Õ
Ìý
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]