Episode details

Radio nan GÃ idheal,23 Oct 1994,30 mins
Seirbheis bho 1994 còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid
Dèanamaid AdhradhAvailable for 28 days
Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athair, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an à m. Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Dhrumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach na 70an, ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais chun na dùthcha aige fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhodarà tor air an Àrd Sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhà saich e. Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nà dar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus a luchd-eòlais. Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghà idhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail à ite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin, agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhà sadh an suidheachadh doirbh. Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo, chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin. Bhà saich Mgr MacLeòid san Dà mhair 1995, a' fà gail bean agus sianar a theaghlach.
Programme Website