Âé¶¹Éç

Use Âé¶¹Éç.com or the new Âé¶¹Éç App to listen to Âé¶¹Éç podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,10 Apr 2016,30 mins

An Dr Urramach Ruairidh MacLeòid

Dèanamaid Adhradh

Available for 19 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas: Salm 98: 1-2 air fonn London New agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh. Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughaidhean: Ephèsianaich 2: 11-19 agus Leabhar an Taisbeanaidh 21: 9-12 & 25 Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid Disathairne sa chaidh. Bha an Dr Urramach MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach doigh thar nam bliadhnaichean a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric sam b’urrainn dha ar cuideachadh. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean san teaghlach air fad aig an àm dhuilich seo. Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ san eaglais. Bha e na dheasaiche air na Duilleagan ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ dha Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ mhìosail ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Ã’ban .

Programme Website
More episodes