Episode details

Radio nan GÃ idheal,25 Jun 2017,30 mins
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba
Dèanamaid AdhradhAvailable for 27 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 68: 7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh. Salm 16: 5-7 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughaidhean: Salm 124: 1-6 1 Corintianaich 15: 12-20 Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid air 9 Cèitean. Bha an Dr Urr MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach dòigh thar nam bliadhnaichean, a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric 's a b’ urrainn dha. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean 's air an teaghlach air fad aig an à m dhuilich seo. Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geà rr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e 21 bliadhna mar mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh mus tà inig an cabhsair. Bha e cuideachd an sà s ann an grunn bhuidhnean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ san eaglais, agus bha e na dheasaiche air na Duilleagan ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ mhìosail ann am Meadhan Earra-Ghà idheal agus anns an Ã’ban. Chaidh urram MBE a bhuileachadh air an Dr Urr Macleòid airson a shaothair dhan Ghà idhlig 's dhan choimhearsnachd.
Programme Website