Âé¶¹Éç

Use Âé¶¹Éç.com or the new Âé¶¹Éç App to listen to Âé¶¹Éç podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,08 Dec 2025,30 mins

An t-Eilean Sgitheanach

Tobar an Dualchais

Available for 33 days

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air an Eilean Sgitheanach a tha e a' tadhal. Tha e a' tòiseachadh le Lachlann Robasdan à Ealaghol a' leum a-mach à plèana! 'S ann aig Aonghas Fleisteir à Ùig a tha sgeulachd an Sgitheanaich Bhig agus aig Ùisdean MacAoidh à Borrodail an Gleanndail a tha an eachdraidh air mar a thàinig na maoir a Ghleanndail 's na croitearan air a dhol air an casan airson an còirichean ann an 1883 agus e fhèin còig bliadhna deug. Tha còmhradh aige cuideachd le Iain MacIllEathain à Ratharsair, bràthair Shomhairle MhicIllEathain, mu bhith ag eadar-theangachadh bàrdachd. A thuilleadh air a sin tha òrain aige bho Ùisdean MacRath, Iain Dùbhglas agus Catrìona NicIllEathain.

Programme Website
More episodes