Episode details

Available for 2 days
Chaidh iadsan a th'air a' gheĂ rr-liosta airson duais ficsean nam ban ainmeachadh, agus ceathrar dhiubh sin air leabhar a' sgrĂŹobhadh airson a' chiad turas. Tha dithis còmhla ri Emma a' beachdachadh air dè cho fallain sa tha sgrĂŹobhadh ficsean nam ban. Airson còrr is da fhichead bliadhna, tha sreap dhĂ dheug steap air fhichead air thoiseach air luchd-siubhail a tha air nochdadh far threĂ na ann an Obar Dheathain agus a tha ag iarraidh dèanamh air meadhan a' bhaile. Ach bi faochadh ann a dh' aithghearr agus planaichean ann staidhre-dhealain a chur na Ă ite. Tha Jo agus Michelle bhon sgioba a' togail air na staidhrichean air feadh an t-saoghail as fheĂ rr leotha. Tha mòran air a bhith anns na naidheachdan mu dhiofar sgoiltean anns an rĂŹoghachd seo, agus ann an dĂšthchannan eile, aâ cur casg air fònaichean laimhe anns aâ chlas. Ach tha riaghaltas na Suain aâ gabhail ceumannan a bharrachd, agus iad aâ moladh tionndadh air falbh bho ionnsachadh didsiteach agus tilleadh gu leabhraichean, agus peann âs paipear. Ach tha aâ bheachd seo aâ cur iomagain agus aâ togail ghearain a-measg chompaidhean teicneòlais agus luchd-teagaisg a-measg eile a tha den bheachd gun toireadh seo buaidh air eaconomaidh na dĂšthcha, agus bacadh air clann-sgoile nuair a thigeadh e gu bhith aâ lorg obrach. Chaidh Viktor Korpi Kardell dhan sgoil as an t-Suain agus dh' innis e a bheachdan do Niall Iain.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Green EyesGreen EyesColdplay
- 2.What's Up?What's Up?4 Non Blondes
- 3.Nice To Each OtherNice To Each OtherOlivia Dean