Episode details

Available for 10 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas: Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn O Seinneamh don Tighearna, 'S e an Tighearna fhèin mo Chìobair agus Cur a-Nuas do Spiorad Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil an Èirisgeidh a' seinn Tha mi ag aideachadh mo lochdan Mà iri C NicNèill a' seinn Èirigh Bileag Ùr Ghorm Pòl MacCalum a' seinn A Mhà thair Mhic Dè Leughaidhean: Leabhar an Taisbeanaidh 7: 9-17 Eòin 21: 1-19 Lùc 1: 46-55 Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Mà thair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e. Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà -dheug agus chaidh e à s an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e à s an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spà inn, a bha stèidhichte aig an à m sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd. Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Ã’ban bliadhna à s dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearasdain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thìll e air ais dhan Spà inn airson sia bliadhna agus b' ann aig an à m sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca. Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhà gh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhà saich a mhà thair dìreach beagan là ithean à s dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an là thair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Ã’ban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeigh. Bha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gà idhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu mòr an sà s ann a bhith toirt taic is brosnachadh don Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chiùil a' tòiseachadh le aifreann ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr Dòmhnall a bhiodh os cionn an aifreann. Bhà saich Mgr Dòmhnall san Lùnastal 2017 ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh agus e air a bhith a’ fulang le aillse son grunn bhliadhnaichean.
Programme Website