Âé¶¹Éç

Use Âé¶¹Éç.com or the new Âé¶¹Éç App to listen to Âé¶¹Éç podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,25 May 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 24 days

'S iad Kirstie NicLeòid agus Murray MacLeòid a tha còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn-sa le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh-sheachdain. Cluinnidh sinn bho Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith sna h-Eileanan an Iar, Shona NicIllfhialain, mu film anns an robh i an sàs a tha a' toirt stiùireadh do chloinn aire a ghabhail aig àm neadachaidh nan eun. Tha 'Bi Glic: Sgeulachd Gille-brìghde is Brìghde, mu dà gHille-brìghde a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar 's ag innse mu dhùbhlan a tha roimhpe àl a thogail ann an àrainneachd a tha gu math nàimhdeil aig amannan. 'S e an-diugh Diluain na Caingis, an là gu h-eachdraidheil a bhiodh aig daoine màl a phàigheadh. Mìnichidh An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart na cleachdaidhean co-cheanailte ri Làithean na Caingis.

Programme Website
More episodes