Episode details

Available for 30 days
Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pà irt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Mà iri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth. Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh'fhalbh suas chun an latha an diugh. Bidh turas Mà iri Anna gar toirt gu gach ceà rnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gà idheal. Anns a’ phrògram seo cluinnear bho ghuth na seachdain, Seumas Greumach, am measg gu leòr eile.
Programme Website