Episode details

Radio nan GÃ idheal,30 Jun 2026,57 mins
A' togail oirnn nuair a bhios cùisean dol ceà rr, luaidh air Penelope Keith agus na là ithean saora as fheà rr a chòrd ribh riamh
Naoi gu DeichAvailable for 19 days
Dè na dòighean as fheà rr togail oirnn nuair a bhios cùisean dol ceà rr, ged a b' ann anns an à ite-obrach, air an raon spòrs neo eile. Agus dè cho cudtromach 's a tha e gun tèid sin a theagasg do chloinn nan òige? Tha ceathrar ann an còmhradh ri Cathy mun a seo. Chuala sinn an dè gun do chaocail an cleasaiche ainmeil Penelope Keith. Tha Carina NicLeòid a' toirt sùil air a beatha 's a toirt beachd air na chuir i ri saoghal telebhisean agus cleasachd. Chunnaic is chuala sinn an t-seachdain’sa chaidh, agus air an deireadh sheachdain, tà irneanaich agus dealanaich a' sgoltadh nan speur, ann an diofar à itean air feadh na rìoghachd - rud a bhios a' tachairt tric ann an aimsir blà th, bruitheanach. Ach an cuala sibh riamh mu Benjamin Franklin, Aimeireaganach bhon Ochdamh Linn Deug, a rinn uimhir son cur ri ar tuigse mu dealanaich? Tha Iain MacAonghais a' ruith air cò direach a bh' ann agus dè rinn e. Gach Dimà irt, eadar seo agus deireadh an t-samhraidh, bi sinn a' faighneachd do dh' aoighe mu na là ithean-saora as fheà rr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Zena Stiùbhart ag innse mu na turais rathaid aice!
Programme Website