Episode details

Available for 23 days
Carson a tha aillse a’ tighinn air barrachd dhaoine fo aois 50? Sin an cuspair a bh’ aig Panorama air Âé¶ąÉç1 a-raoir. Bha an Dotair Sìne Dickson a’ coimhead a’ phrògraim agus i a’ toirt a beachd fhèin air cĂąisean. Tha 800 bliadhna ga chomharrachadh bhon a chaochail a naomh ainmeil, Frainseas Ă Assisi. Tha Ruairidh Alasdair MacIllinnein a’ toirt sĂąil air beatha an Naoimh Frainseis. Tha an seinneadair Donnie Large Dòmhnallach ann an còmhradh ri Cathy mun leabhar agus mun chlĂ r Ăąr aige de dh’òrain a mhĂ thar. Tha Ar Baile ga chur air chois seachdain bhon a-mĂ ireach aig a’ Mhòd NĂ iseanta Rìoghail ann an Glaschu. ’S tha Dolina NicIllinnein a’ toirt beachd air an dealbh-chluich The Whaler’s Wife, a tha stèidhichte ann an Arcaibh anns na 1820an. Tha an dealbh-chluich air chuairt ann an Alba an-drĂ sta.
Programme Website