Âé¶¹Éç

Use Âé¶¹Éç.com or the new Âé¶¹Éç App to listen to Âé¶¹Éç podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,12 Oct 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 25 days

Tha Murchadh MacLeòid agus Iain Caimbeul air a bhith a' toirt sùil air colbhan-beachd a ghlac an aire ann am pàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain. Tha The Prime of Miss Jean Brodie ri fhaicinn às ùr air an àrd-ùrlar an-dràsta. Tha sgeulachd ainmeil Mhuriel Spark ri fhaicinn aig Taigh-cluiche Lyceum anns a' bhaile, agus an uair sin a' dol air chuairt gu ruige Glaschu, Obar Dheathain agus Baile Chloichridh. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn aig an deireadh-sheachdain, agus tha e ag innse dhuinn mu deidhinn. Tha Polly Pullar aithnichte mar sgrìobhadair a bhios a' tarraing air àrainneachd, nàdar agus beathaichean. Chaidh an leabhar ùr aice, In the Company of Sheep: From Dartmoor to Shetland, fhoillseachadh o chionn ghoirid. Tha Iain Stephen Moireasdan, aig a bheil caoraich e fhèin, air a leughadh agus tha e ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.

Programme Website
More episodes