Episode details

Available for 26 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 63: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacAmhlaigh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Cuimhneachaidh Rois. Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus 's e Ruairidh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois. Salm 130: 7-8 air fonn Torwood agus 's e Iain Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughadh: 2 Samuel: 23 Rannan: 1-7 agus 13-17 Ceann-teagaisg: 2 Samuel 23: 15 & 17 'S ann do sgìre Bheà rnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh airson foghlaim aig à rd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil. Rugadh agus thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh. Bha obair pà irt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon à m ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh. Bho thà inig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh na ministrealachd. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain agus an dèidh a thrèanaidh, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh. Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill agus tha triùir chloinne aca.
Programme Website