Âé¶¹Éç

Mar a tha a bhith a' lorg a' fàs nas glice aig a' BhBC

Aig a' BhBC, tha sinn den bheachd gum bu chòir dhan t-inneal-lorg a bhith glic, tuigseach agus, os cionn gach nì, follaiseach. Sin as coireach gu bheil sinn a' sgaoileadh mar a tha sinn a' cleachdadh AI gus an turas lorg agadsa air a' BhBC a leasachadh, agus na tha sinn a' dèanamh gus dearbhadh gu bheil toraidhean an rannsachaidh agad cuideachail, cothromach agus earbsach.

Air ùrachadh: 23mh dhen Dàmhair 2025

Tha sinn a' cleachdadh AI gus do chuideachadh toraidhean nas fheàrr a lorg

Tha sinn a' toirt a-steach teicneòlasan adhartach gus Lorg a dhèanamh nas mionaidiche, nas buntainniche, agus nas tuigsiche. Seo eisimpleir no dhà:

Ag ionnsachadh dè tha ag obair: rangachadh nas glice le comharran dàta

Nuair a chuireas tu faclan no litrichean ann an Lorg, bidh sinn a' cleachdadh sin gus seata de thoraidhean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach a lorg, agus gan rangachadh leis an amas gun nochd na toraidhean as fheàrr aig bàrr na liosta de thoraidhean. Tha sinn an-dràsta a' dèanamh dheuchainnean air iPlayer agus Sounds air apps fòn-làimhe, TBh agus an t-eadar-lìon gus faicinn dè na comharran a nì an diofar as motha – comharran leithid dè an stuth as còrdaichte an-dràsta, agus dè na toraidhean air an do bhrùth daoine eile a chur rudan coltach riut fhèin ann an Lorg. Rè ùine, mar a tha sinn ag ionnsachadh dè na comharran as fheàrr a dh'obraicheas, bidh thu nas dualtaiche na toraidhean a tha thu a' sireadh ann an dà-rìribh a' lorg, nas luaithe.

Lorg nas glice a tha a' tuigsinn dè tha thu a' ciallachadh

Tha fios againn cho sàraichte ‘s a tha e nuair a tha thu a' lorg rudeigin agus nach eil na toraidhean a rèir na bha thu ann an da-rìribh a' lorg. Tha sin air sgath ‘s gu bheil modhan lorg traidiseanta a' coimhead a-mhàin air na faclan a sgrìobhas tu, chan e an ciall air an cùlaibh. Tha sinn air deuchainnean a thòiseachadh air modh Lorg ùr air a bheil lorg seimeantaigeach, a tha a' cleachdadh AI airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air dè bu mhiann leat. Tha seo a' ciallachadh gum faigh thu toraidhean a tha nas freagarraiche, fiù ‘s ged nach eil na faclan buileach a rèir na sgrìobh thu. Tòisichidh deuchainnean air duilleagan-lìn nan Naidheachdan san fhoghar 2025, leis an amas air toraidhean nas glice, nas buntainniche agus nas fheumaile a thoirt thugad.

Measadh far-loidhne airson cothromachd agus càileachd

Mus tèid modail AI sam bith beò, nì sinn deuchainnean iomlan orra a' cleachdadh measadh far-loidhne. An lùib seo, dheigheadh am modail a chur an sàs a' cleachdadh dàta eachdraidheil gus tomhas dè cho math ‘s a dhèiligeadh e ri diofar cheistean agus luchd-cleachdaidh. Bidh sinn a' coimhead air:

  • Buntainneachd agus mionaideachd
  • Farsaingeachd nan toraidhean
  • Cothromachd thar chuspairean is choimhearsnachdan

Tha seo a' cuideachadh gus trioblaidean a rèiteach gu sgiobalta agus le sìor-leasachadh.

Thar-sealladh daonna

Tha sgioba de dhaoine againn, nam measg riochdairean, eòlaichean air poileasaidh riochdachaidh agus eòlaichean AI a bhios a measadh ar cleachdadh de AI agus mach-chur ar modailean. Cumaidh sinn sùil air ar modailean airson taobhachd, mì-fhiosrachadh, agus buadhan ris nach robh dùil – agus chuireadh sinn fàilte air ur beachdan fhèin cuideachd.

Dè an ath rud?

Tha sinn a' leantainn oirnn le bhith a' leasachadh mar a bhios AI a' toirt taic dha do thuras lorg. Aig an àm seo, tha sinn a' beachdachadh air pearsanachadh agus AI Cruthachail a chleachdadh airson Lorg.

Ceistean sam bith?

Bu mhath leinn cluinntinn bhuat! Feuch fhèin air rudeigin a lorg, agus cuir do smuaintean gu Contact the Âé¶¹Éç.

 

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: