'S e goireas airson Cuspairean Sòisealta, a tha a' cuimseachadh air Eachdraidh, a th' ann an Clann an latha an-dè. Tha na gnìomhan nan cothroman dha sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sà r Mhathais. Tha an là rach-lìn seo a' brosnachadh fuasgladh cheistean agus sgilean breithneachaidh. Tha luchd-cleachdaidh air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh fiosrachadh airson fianais a mheas agus co-dhùnaidhean a ruighinn.
Tha tidsearan air am brosnachadh airson sgoilearan a mhisneachadh gu bhith a' leasachadh ro-innleachdan airson ro-mheasaidhean. Dh'fhaodadh luchd-leantainn seòrsachadh ath-leasaichte Bloom (ri fhaighinn air Glow taobh a-staigh coimhearsnachd na Gà idhlig is na Litearrachd) smaoineachadh breithneachail a bhrosnachadh.
Tha còig dìomhaireachdan rim fuasgladh. Tha iad suidhichte ann an Linntean Bhictoria is Eideirt, à m an Dara Cogaidh agus san latha an-diugh.
Tha Clann an latha an-dè a' cur taic ri prionnsabalan is cleachdaidhean le cothroman airson diofar thùsan is ghoireasan a rannsachadh agus a mheas. Tha na gnìomhan a' toirt chothroman dha sgoilearan a bhith:
- a' cleachdadh tùsan dà rnach gu tuigseach airson tachartasan san à m a dh'fhalbh a rannsachadh.
- a' mìneachadh fianais eachdraidheil bho raon de dh'amannan airson faireachdainn ùineadaireachd a leasachadh.
Mar a tha an neach-cleachdaidh a' coimhead airson fianais, bithear ag ionnsachadh iomadh nì iongantach mu bheatha na cloinne a th' anns na dìomhaireachdan gu h-à raidh san dachaigh agus anns an sgoil. Bidh eòlaichean a' stiùireadh an neach-cleachdaidh tro gach dìomhaireachd agus bidh iad a' roinn an eòlais mu gach linn agus a' toirt fiosrachadh seachad mu na nithean a lorgas iad.
A' Fuasgladh nan Dìomhaireachdan
Tha ceithir à iteachan ri rannsachadh anns gach dìomhaireachd. Cliog air na nithean gus cluinntinn dè am fiosrachadh a th' aig na h-eòlaichean mun deidhinn.
An dèidh gach à ite a rannsachadh feumaidh an neach-cleachdaidh taghadh a dhèanamh air fuasgladh dhan dìomhaireachd agus aon nì a thaghadh airson a chleachdadh mar fhianais. Thèid am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh a shà bhaladh ann am pasgan na fianais. Faodar faighinn gun fhiosrachadh seo aig à m sam bith agus a chlò-bhualadh aig crìoch na dìomhaireachd. An dèidh tadhal air a' cheathramh à ite bidh an neach-cleachdaidh a' taghadh fuasgladh deireannach don dìomhaireachd mus foillsich an t-eòlaiche gach nì.
Thoir a-nuas pasgain fiosrachaidh airson an clò-bhualadh
Na Còig Dìomhaireachdan:
³§±èò°ù²õ sa Chaisteal (Alba, 1856)
Tha beagan sheudan air a dhol air chall gu dìomhair bho dachaigh an teaghlaich Moireach. Tha Ceit, an t-searbhaint-taighe, fo amharas. An ise am mèirleach?
Am Muga Dìomhair (Sasainn, 1897)
'S e Iubailidh Daoimein Bà nrigh Bhictoria a th' ann. Tha muga sònraichte iubailidh Ealasaid air a dhol a dhìth. Cà it a bheil e?
An Ruagaire-Eòin (Bridgend, 1910)
Tha Peadar MacUilleim air a dhol a dh'fhuireach air tuath còmhla ri antaidh is uncail. Tha nithean air an goid agus chan eil sgeul air Peadar. Cà it an deach e?
Balach a' Bhliots (Beul Feirste, 1941)
Chan eil sgeul air Seumas Mac a' Ghobhainn agus a chù, Dìleas, sa mhadainn an dèidh ionnsaigh throm adhair. An urrainn dhut faighinn a-mach dè a thachair dha Seumas agus Dìleas?
Dìleab nam Moireach (Liverpool, an latha an-diugh)
Thig cuideigin a-steach air fortan an teaghlaich Moireach. Cuidich Bilidh a' fuasgladh na dìomhaireachd gus an duais a bhuannachadh airson an oighre a lorg.
Fuaim agus Teacsa
Cliog air putan nan Rogainnean airson na leanas a dhèanamh:
- fo-thiotalan fhaighinn air a' chuid mhòr den shusbaint
- atharraich meud na teacsa air an sgrion
- dèan atharrachadh air an teacsa agus air dathan a' chùil-raoin.