Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Eun le bhith a' gluasad na Sgogain gun rùm stòrais leis an à ireamh oidhirpean as lugha. Dèan ceart-cheà rnach no ceà rnag Sgogain den mheudachd cheart gus am faigh e air gluasad bho aon rùm gun ath fhear. Cleachd na cuspairean a th' anns an rùm gus do chuideachadh.
Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta agus gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an sia buidhnean de dheich gheamannan de dhuilgheadas co-ionann:
• Là bha (1 to 10)
• Criostal (11 to 20)
• Fà sach (21 to 30)
• Dlùth-choille (31 to 40)
• Snà igear (41 to 50)
• Fiacail (51 to 60).
Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.
Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas agad an Sgogan a stiùireadh chun rùm stòrais le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a thoirt seachad aig crìoch gach geama a rèir an à ireamh oidhirpean a bh' ann. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an à ireamh oidhirpean gan taisbeanadh aig oir chlì an sgriona aig a' mhullach. Tha na leanas a' cunntadh mar oidhirp:
• a' cur car den Sgogan
• ag ath-shuidheachadh Sgogain
• a' cleachdadh nan innealan cur ris, toirt air falbh, iomadachaidh, roinnidh, dùblachaidh no letheachaidh
• a' gluasad bho aon rùm gu fear eile.
Stiùireadh nan Geamannan
• Cliog air an Eun airson cuideachadh claistinneach.
• Cliog air ceart-cheà rnach Sgogain airson an à ireamh a tha na bhroinn a thaisbeanadh.
• Cleachd na putanan air a' chlà r clì airson ceart-cheà rnach Sgogain a ghluasad, a chur mu chuairt is ath-rèiteachadh. Tha map an tòimhseachain a' nochdadh air an là imh dheis.
Am Putan Cuairteachaidh
Cliog air an seo (no brùth air bar-beà rn a' mheur-chlà r) airson car cairtealach a chur dhan Sgogan.
Am Putan Ath-rèiteachaidh
Cliog air an seo gus an Sgogan ath-rèiteachadh gu ceart-cheà rnach de dhiofar fhaid is leòid.
Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim
Tha seo a' toirt cothrom dhut a dhol air ais agus an gèam a thòiseachadh a-rithist.
Putanan Gluasaid
Cliog air na putannan gluasaid (no cleachd na h-iuchraichean saigheid air a' mheur-chlà r) airson an Sgogan a ghluasad san rùm agus gu rumannan eile.
Map
Tha am map sa chlà r dheis a' sealltainn nan rumannan sa ghèam. Cliog air rùm airson faicinn a-steach ann.
Cuspairean a' Gheama
Tha na cuspairean a leanas sna geamannan:
Doras
Tha dorsan a' toirt cothrom dha Sgogan a dhol troimhe gun ath rùm. Chan urrainn dha ceart-cheà rnach an Sgogain a dhol tro dhoras mur eil e an aon leud ris an doras sin m.e. le doras a tha ceithir blocaichean a leud 's e a-mhà in ceart-cheà rnach Sgogain de cheithir bhlocaichean a leud a gheibh troimhe.
Ioma-shruth
Bheir ioma-shruthan cothrom dha à ireamh shònraichte de Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh an dearbh à ireamh a th' air a thaisbeanadh air an ioma-shruth a bhith air ceart-cheà rnach Sgogain mus fhaigh e troimhe m.e. cha cheadaich ioma-shruth le à ireamh dhà -dheug ach ceart-cheà rnach le dhà -dheug Sgogan a dhol troimhe.
Tunail
Tha tunailean a' toirt cothrom dha Sgogan a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh ceart-cheà rnach Sgogain a bhith den aon mheud is chumadh ris an tunail mus fhaigh e air a dhol troimhe.
Inneal Cuir-ris
Tha an cuspair seo a' cur tuilleadh Sgogain ris. Feumaidh ceart-cheà rnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' cur dà Sgogan ris ach a-mhà in le ceart-cheà rnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.
Inneal Toirt air Falbh
Tha seo a' toirt air falbh Sgogan. Feumaidh ceart-cheà rnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' toirt dà Sgogain air falbh ach a-mhà in le ceart-cheà rnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.
Inneal Letheachaidh
Tha seo a' dèanamh leth air à ireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheà rnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.
Inneal Dùblachaidh
Tha seo a' dùblachadh à ireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheà rnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.
Inneal Iomadachaidh
Tha seo ag iomadachadh à ireamh nan Sgogan a rèir à ireamh nan ceà rnag na leud, m.e. nì inneal iomadachaidh a tha dà bhloca de leud iomadachadh air à ireamh nan Sgogan le dhà . Chan obraich an t-inneal seo ach a-mhà in ma tha ceart-cheà rnach Sgogain an aon leud ri gà irdeanan an inneil.
Inneal Roinnidh
Tha seo a' dèanamh roinneadh air à ireamh nan Sgogan a rèir à ireamh nan ceà rnag a tha na leud, m.e. roinnidh inneal roinneachaidh a tha de leud dà bhloca à ireamh nan Sgogain le dhà . Chan obraich an t-inneal ach a-mhà in ma bhios ceart-cheà rnach Sgogain an aon leud ri gà irdeanan an inneil.
Gnìomhan Rannsachaidh an Eòin
Cliog air comharra a' Bhailiùin air ceum an Eòin airson na gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e geamannan neo-chuibhrichte a th' annta far nach eil targaidean sam bith suidhichte agus thathas a' brosnachadh na cloinne gu bhith a' rannsachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh gus an cluich clann leotha nan aonar, le pà iste eile no le pà rant no tisdear.
Ann an Rannsachadh 1 (am bailiùn air an là imh chlì) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• obair mhùiteach shìmplidh.
Ann an Rannsachadh 2 (am bailiùn air an là mh dheis) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhùiteach.
Stiùireadh Rannsachaidh
• Faodar na tòimhseachain atharrachadh le bhith ag atharrachadh feartan nan cuspairean a th' anns na rumannan. Ma tha thu airson cuspair atharrachadh cliog air agus an uairsin cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh a nochdas gus a dhèanamh nas motha no nas lugha.
• Faodar cuideachd cuspairean ùra a thoirt a-steach. Tha ìomhaighean ann airson dorsan, innealan cur ris is toirt air falbh air clà r dheis an sgriona. Airson aon de na cuspairean sin a shuidheachadh ann an rùm, cliog air ìomhaigh agus slaod dhan rùm e. Cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh airson an cuspair a dhèanamh freagarrach. Thoir cuspairean air falbh bho rumannan le bhith a' cliogadh orra agus gan slaodadh a-mach. Faodaidh tu rùm ùr a chruthachadh le bhith a' cur doras air balla agus a' gluasad an Sgogan troimhe.
• Nuair a nochdas bailiùn dearg gluais an Sgogain thuige agus tòisich gèam ùr.