Âé¶¹Éç

20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Latha Fèille

Dàn 2

Sgrìobh MacAmhlaigh an dàn seo nuair a bha e greis a' fuireach san Tuirc. Tha e ag innse mu theaghlach a bhios a' tighinn a-nuas dhan bhaile às na beanntan gach seachdain a reic rudan. Bidh muinntir a' bhaile a' fanaid orra airson cho bochd agus seann-fhasanta is a tha iad. Ach air an làimh eile, bidh muinntir ceanna-bhaile na Tuirc, Ankara, a' fanaid air muinntir a' bhaile fhèin air an aon adhbhar. Agus tha e na chleachdadh aig daoine à Breatainn, leithid MhicAmhlaigh, a bhith a' coimhead sìos fiù 's air muinntir Ankara.


Tha MacAmhlaigh a' briseadh a' phàtrain sin on a tha taobh aigesan ri na daoine bochda às na beanntan, 's dòcha air sgàth 's gum buin esan e fhèin do dh'àite coltach ri seo, agus tha co-fhaireachadainn aige dhaibh. Tha e a' faicinn cho inntinneach agus tlachdmhor is a tha iad, a dh'aindeoin mar a bhios daoine gan càineadh. Tha seo air a shamhlachadh le na loidhnichean, 'deud aoil mu theanga/cheòlmhor, 's gruaidhean/mar phomagranat'.


Tha seo uile air a chur an cèill ann an dòigh sìmplidh agus ann an rannaigheachd shaor. Tha tòrr feum air a dhèanamh de ruitheam, de fhuaimean agus de chruth na bàrdachd air an duilleig agus ann an aithris.


Latha Fèille

  • Thig iad a-nuas às na cnuic
  • Dimàirt 's Dihaoine
  • tuathanach air asal
  • 's triùir nighean
  • ³¦°ùù¾±²ú³Ù±ð
  • fo chliabh is iaismac.
  • 'S thig feadhainn a-nuas à Ankara
  • a chaitheamh làithean saora
  • a chuireas air luchd a' bhaile
  • g' eil iad salach, sean-fhasanta,
  • slaodach.
  • agus ormsa cuideachd
  • bhon a chì mi
  • le mo shùilean coimheach
  • seanchas
  • a dh'iathas saoghal mo chompanach
  • a dh'fhilleas na rian
  • ban-rìgh Shasainn,
  • agus Ankara,
  • 's am baile, daighneach
  • a sheas cha mhòr cho fada ris na cnuic;
  • bhon a chì mi
  • air na sràidean an teas an latha
  • lorgan san duslaich;
  • danns' ceum-ghrinn
  • aig casan loma;

Latha Fèille

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Am bàrd ag aithris Latha Fèille

Dòmhnall MacAmhlaigh ag aithris an dàn, Latha Fèille.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.