Tha roinn chudromach den bhà rdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh mu dheidhinn a' choimhearsnachd às an tà inig e agus mar a tha a dhà imh fhèin ris an à ite agus an dòigh-beatha air atharrachadh, gu h-à raidh on a dh'fhà g e an t-eilean. Ged a tha e a' nochdadh deagh-ghean anns na dà in sin, tha e cuideachd a' togail cheistean cruaidh uaireannan.
Tha ùidh mhòr aig MacAmhlaigh ann an daoine agus an deiligeadh ri chèile.
Bidh e tric a' tòiseachadh le rudan cumanta a chunnaic e no a thachair dha. Mar eisimpleir, balach beag a' cluich ann an 'Iain am measg nan Reultan' no teaghlach Turcach aig fèill ann an 'Latha Fèille'. Bidh e gan sgrùdadh gu mionaideach, bho gach sealladh, a' tarraing smuaintean domhainn à suidheachaidhean sìmplidh. Ann an 'Iain am measg nan Reultan', tha am balach beag a tha a' tilgeil a dhèideagan mu chasan a' bhùird a' samhlachadh mac-meanmna a' faighinn là mh an uachdair air saidheans, a rèir choltais.
'S e sgoilear a tha ann an Dòmhnall MacAmhlaigh a bha na Àrd-Ollamh agus tha buaidh na h-eanchainn agus na sgoileireachd tric ri fhaicinn sa bhà rdachd aige. Tha sin fìor fiù 's ann am bà rdachd gaoil leithid 'Ceumannan'. Glè thric anns na dà in sin, agus ann am feadhainn air Cuspairean eile cuideachd, tha e a' beachdachadh air nà dar na bà rdachd agus nan ealan.
Ged a tha a' bhà rdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh uaireannan doirbh agus domhainn, tha cuid a dhà in, leithid 'An t-Sean-bhean', anns nach eil ach dealbh sìmplidh, inntinneach air daoine, an coltas no an nà dar.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de dh'ìomhaighean na bhà rdachd, mar as trice measgaichte le dòighean-sgrìobhaidh nas dìriche. Uaireannan tha a' Ghà idhlig aige domhainn agus toinnte ach, uaireannan eile, tha i sìmplidh agus còmhraiteach. Glè thric bidh na dhà an lùib a chèile ann an dà n.
Anns a' chumantas, bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd na bhà rdachd agus mar as trice tha cruth na bà rdachd air an duilleig a' cur ris an dealbh no a' phuing a tha e a' dèanamh. Tha tòrr den bhà rdachd aige tlachdmhor ri leughadh a-mach. Tha i nas ceòlmhoire agus na ruitheamhan nas là idire na shaoilear air a' chiad sealladh.
Cuin a thòisich Dòmhnall MacAmhlaigh a' sgrìobhadh?
Thòisich mi a' dèanamh bà rdachd timcheall air nuair a chaidh mi dhan an oilthigh, deireadh nan 40s ach cha do rinn mi mòran an uair sin. Cha deach mòran dhiubh sin a chur an clò, bidh fear no dhà san leabhar ùr a tha a' tighinn a-mach bho Acair. 'S ann dìreach an dèidh dhomh a dhol dhan an oilthigh agus tòiseachadh a' leughadh bà rdachd Ghà idhlig agus Bheurla. Bha mi a' dèanamh Beurla agus Gà idhlig agus bha an dà rud a' dol na chèile, anns an inntinn agam co-dhiù.
Cuideachd, air a' cheann baile air an robh mi bha daoine an còmhnaidh a' bruidhinn mu dheidhinn bà rdachd. Bha bà ird ainmeil air a bhith anns gach lot a bha air gach taobh den lota againne ach cha robh iad ann na mo latha-sa ach bhiodh daoine an còmhnaidh a' bruidhinn orra. Bha Bà rd Chircebost air an darna-taobh is Iain Chaluim Ruaidh air an taobh eile. 'S e rud a bh' ann anns an robh ùidh aig daoine agus rud anns an do ghabh mise ùidh bho thòisich mi ga chluinntinn. Bhiodh iad an còmhnaidh a' togail rudan èibhinn le bà rdachd is a leithid sin.
Bhiodh daoine ann a bharrachd air an fheadhainn sin a bhiodh a' dèanamh luinneagan agus nuair a dhèanadh daoine luinneag no òran no cà il den t-seòrsa sin, bha e am beul a h-uile duine airson ùine mhòr, sin an seòrsa à ite a bh' ann am Beà rnaraigh an uair sin. Tha mi a' smaoineachadh gun tug sin na h-uiread de mhisneachd dhomh co-dhiù. Thug e eòlas dhomh air bà rdachd, 's e sin an rud.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.