Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Na fir-deasachaidh (An t-Earrach 1956) µþà °ù»å²¹³¦³ó»å an là -an-diugh.
Gairm, 15, td. 250
"Is fhada bho bha sinne, ann an oifis Ghairm, a' lùigeachadh gun tigeadh, là de na là ithean, tro bhealach-nan-litrichean anns an doras, eallach de bhà rdachd ùr a bheireadh gliong air an là r nuair a bhuaileadh e air. Thachair sin mu à m na bliadhna ùire, is tha a' chiad earrann den bhà rdachd seo againn ga cur an clò an seo. B' ann bho dhuine òg a thà inig i – Dòmhnall MacAmhlaigh à Beà rnaraigh Leòdhais, a choisinn urram an Oilthigh Obar Dheadhain o chionn dà bhliadhna, is a chuir ris an Oilthigh Chambridge an-uiridh. Tha e a nise ceangailte ris an nèibhi airson dà bhliadhna, agus bidh sùil againn ri tuilleadh a chluinntinn bhuaithe agus mu dheidhinn ann an ceann sreath.
Tha beachd againn gu bheil deasbad buailteach air èirigh mu bhà rdachd "ùr" ann an Gà idhlig, agus dh'fhaodadh gum bi fear an siud 's an seo a' gleusadh a phinn gu sgrìobhadh a dh'ionnsaigh pà ipear Steòrnabhaigh no pà ipear an Òbain, a rà dh gu feargach nach e bà rdachd a tha seo idir, ach rud a sgrìobhadh duine sam bith air leth-shùil is air leth-chluais, agus air nas lugha na sin de thuigse is de thonaisg. (Duine sam bith tha den bheachd sin, cuireadh e thugainn criomag de bhà rdachd den t-seòrsa seo, ma-tà , is feuchaidh sinn ri a cur an clò.) Bidh fear eile an siud 's an seo a theannas ri moladh a dhèanamh air a' chiad phìos de sheann bhà rdachd air an laigh a shùil, agus bidh sinn toilichte air rann molaidh mar seo fhaighinn cuideachd agus a chur an clò, ma bhios e reusanta. Agus a-rithist, bidh duine no dhà ann nach toir buatham às an taobh seo no an taobh ud eile, agus bu mhiann leinn a chluinntinn dè their e seo às a ghuth-shà imh.
Tha a' bhà rdachd seo aig Dòmhnall MacAmhlaigh fo chomain do dh'obair cuid de na bà ird Shasannach a bha a' sgrìobhadh anns an dà fhichead bliadhna a chaidh seachad (abraibh Eliot is Ezra Pound) is tha cuid a dhaoine am beachd nach bu mhiste bà rdachd Ghà idhlig a bhith ann an co-chomann na bu dlùithe ri bà rdachd tha ga sgrìobhadh an cà nanan eile san là -an-diugh."
Moireach, I. (An Samhradh 1968) Seòbhrach as a' Chlaich.
Gairm, 63, td. 277

"Tha bà rdachd mu ar cà nan, ar bà rdachd, a bhà rdachd fhèin an seo, agus bà rdachd mun eilean, mu ghaol, is mu a dhualchas, is mòran eile. Agus tha i gu lèir ùr nòdha, oir chan eil am bà rd-sa coltach ri gin a bhà ird eile anns a' Ghà idhlig.
Tha Dòmhnall MacAmhlaigh cruaidh air fhèin, a':
Tha an smachd-inntinn seo ri fhaicinn na bhà rdachd. Tha sinn uile ro-eòlach air cianalas; tha fhios gu bheil e mòran nas fhasa don eileanach sgrìobhadh mu fhà gail na mu thilleadh; ach cha leig am bà rd seo leis fhèin sgrìobhadh eadar liunn is iargain." Chòrd e rium dà in a leughadh a bha fìor mun cheangal a tha eadar Leòdhasach air fògaran is an eilean a dh'fhà g e.
'S ann às an eilean a tha e a' tarraing mòran de a shamhlaichean is a dhealbhan: o bhreabadaireachd, on fhearann, on aimsir, o na rà ithean agus gu h-à raidh on chuan. Tha e a' sìor rannsachadh a shean choimhearsnachd airson dealbhan, agus tha an dìcheall seo, 's a smachd-inntinn, a' cur far comhair dealbhan is rainn is earrainnean a tha cho glan 's cho fìor ri seanfhacal...
Tha a bhà rdachd doirbh, dha dheòin, ach chan eil i "dorch," taing dhan t-sealbh. Ghlac am facal "rèite" m'fhaire. Is e mo bheachd gu bheil Dòmhnall MacAmhlaigh, mar bhà rd, na èiginn a' feuchainn car a thoirt às an t-seana mhaide: a' feuchainn rèiteachadh a dhèanamh eadar e fhèin is a dhualchas, eadar an t-seann chà nan is an saoghal ùr, eadar doirbhead is bòidhchead, fuamhairean is calmain, caoimhneas is cruas, seòbhrach is clach. Agus tha mi den bheachd, a rèir an leabhair seo – a chiad leabhar – nach eil e:
Mac a' Ghobhainn, I. (An Geamhradh 1983-84) An Dotair Leòinte: bà rdachd Dhòmhnaill MhicAmhlaigh.
Gairm, 125, td. 68
"(Tha) ..mi a' faicinn MacAmhlaigh mar dhotair a tha a' feuchainn doimhnead lota, le ionnsramaidean a tha iad fhèin coirbte, a' cur an inneil-èisteachd ris an sgamhan feuch a bheil deò beatha ann. 'S e seo as coireach gu bheil a' bhà rdachd aige duilich oir 's e nithean duilich a th' air aire mar a their e fhèin nuair a thaghas e, mar thiotal airson aon dà n anns an leabhar seo (Seòbhrach as a' Chlaich), na facail sin a thuirt Yeats:
Oir chan eil drà ma Yates na bhà rdachd idir (agus faodaidh sinn uaireannan a rà dh mu dheidhinn Yates gu robh a bhà rdachd bòstail mar gum b'ann ann an taigh-cluich a chaidh a breith). Chan e sin do bhà rdachd MhicAmhlaigh, chan eil e ag rà dh ach nas urrainn dha a rà dh, chan eil e dol seachad air crìochan a tha e faicinn iomchaidh, oir tha eanchainn gheur là idir aige, eanchainn cuideachd a tha stuama, mà lda, nach bi a' dèanamh dannsan gun fheum (ged a tha ìomhaigh an danns glè thric na bhà rdachd)...
Tha pian crà iteach ann am bà rdachd MhicAmhlaigh agus an à ite a bhith ga fosgladh don t-saoghal mar shiùrsach, tha e dùnadh a bhilean cho teann 's gu bheil a bhà rdachd mar gum b'ann air èiginn a' tighinn gu buil. Chan eil facal anns a' bhà rdachd nach deach a thaghadh, chan eil facail innte gun chùram, chaidh gach facal a chothromachadh gu faiceallach anns an eanchainn seo.
Chan eil nì nach eil e sgrùdadh gu mionaideach, is le còir, oir tha e eòlach air cealgaireachd na h-inntinn, a' chealgaireachd a tha annainn fhìn, 's math dh'fhaodhte gun fhios dhuinn, mar a tha e sealltainn dhuinn anns an dà n Eadar An Caol is Inbhir Nis agus ann an iomadh rann eile anns an leabhar seo...
Chan eil an seòrsa bà ird seo cumanta ann an litreachas sam bith, bà rd cho foighidneach ri seo, cho faiceallach, cho tuigseach mu dheidhinn cunnartan chà nain, cho tròcaireach ri laigsidhean dhaoin eile, seach gu bheil e gan coimhead ann fhèin. 'S e guth ìosal stuama a tha seo, guth dotair a tha foghlamaichte ann an iomadh galar 's nach eil idir a' leum a-steach a thaighean an luchd-euslain le lachan gà ire is sgeulachdan èibhinn. 'S e rud as doirbhe don bhà rd tomhas a chur air a mhac- meanmna, - a bhith 'g rà dh nas còir dha a rà dh. Ann an dòigh 's e beus Greugach a tha seo agus 's ann le sùil Ghreugach a tha MacAmhlaigh a' coimhead an t-saoghail.
Agus tha cruth na bà rdachd aige stuama, amharasach. Chan eil ceòl à rd-ghuthach innte, chan eil a siùil a' bòcadh le gaoth rolaisteach, ach gu faiceallach tha i lorg nan sgeirean a th' anns a' bhà gh mus toir i cuan mòr oirre (agus feumar faighinn a-mach a bheil cuan mòr ann, feumar dèanamh cinnteach a bheil sinn airidh air a' cheòl a tha sinn a' cleachdadh)."
Meek, D. E. (2002) An Aghaidh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis.
"..nuair a tha MacAmhlaigh a-mach air cuspairean creideimh, saoilidh mi gu bheil sinn a' faighinn diofar dhealbhan, mar gum biodh, air muin a chèile, agus diofar fhaireachdainnean an lùib sin. Tha cuid de an dealbhan, 's cuid de na faireachdainnean a' dol an aghaidh a chèile, oir am beachd a' bhà ird, 's e rud gu math toinnte a th' anns a' chreideamh, rud iomadh-fhillte, a tha ga bhualadh ann an diofar dhòighean aig an aon à m.
Do MhacAmhlaigh, 's e a' phrìomh cheist a' bhuaidh a tha aig a' chreideamh air daoine fa leth, agus gu h-à raidh an seòrsa smachd a tha aig a' chreideamh Chrìosdail air neach sam bith. Nuair a tha MacAmhlaigh aig a' choinneimh, tha e na shuidhe ann an "geimhil chumhang air an staidhre". Tha an creideamh a' cur ìmpidh – pressure – air daoine gu bhith ag aideachadh, gu bhith a' gluasad thuige fhèin, gu bhith a' dol ann an "geimhil chumhang", agus tha MacAmhlaigh a' strì an aghaidh sin. Tha an creideamh ag adhbhrachadh ais-fhreagradh no reaction. Tha sòlas is saorsa ann an inntinn MhicAmhlaigh aig diofar amannan anns an dà n seo – is e na gnothaichean cultarach a tha a' toirt nam faireachdainnean taitneach sin dha – ach tha cadal-deilgeanach a' tighinn na chasan nuair a tha an searmon a' tòiseachadh. 'S e rud coimheach a tha anns an t-seòrsa searmonachaidh seo – tha e "anns an fhasan". Tha an cadal-deilgeanach a' glacadh aire a' bhà ird, agus chan eil inntinn air an t-searmon no air "teintean ifrinn". Fòghnaidh na cnà mhan beaga a tha na chois mar dhòigh air piantan ifrinn a chasg."
Dòmhnall Camshron le a thaghadh fhèin de na dà in aig Dòmhnall MacAmhlaigh
Tha dà phìos bà rdachd a dh'fhuirich nam inntinn riamh bho chuala mi an toiseach iad bho chionn faisg air fichead bliadhna. 'S e an t-Èireannach Yates a sgrìobh fear de na dà in agus tha mi dol a thòiseachadh an taghaidh seo leis an dà n eile: An t-Sean-Bhean le Dòmhnall MacAmhlaigh...
Chì thu ann an sùil d'inntinn a' chailleach ud. Chì thu i a' gluasad le alta na h-aoise agus tha thusa a' faicinn an aon sealladh rithse.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.