Tha roinn chudromach den bhà rdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh mu dheidhinn a' choimhearsnachd às an tà inig e agus mar a tha a dhà imh fhèin ris an à ite agus an dòigh-beatha air atharrachadh, gu h-à raidh on a dh'fhà g e an t-eilean. Ged a tha e a' nochdadh deagh-ghean anns na dà in sin, tha e cuideachd a' togail cheistean cruaidh uaireannan.
Tha ùidh mhòr aig MacAmhlaigh ann an daoine agus an deiligeadh ri chèile.
Bidh e tric a' tòiseachadh le rudan cumanta a chunnaic e no a thachair dha. Mar eisimpleir, balach beag a' cluich ann an 'Iain am measg nan Reultan' no teaghlach Turcach aig fèill ann an 'Latha Fèille'. Bidh e gan sgrùdadh gu mionaideach, bho gach sealladh, a' tarraing smuaintean domhainn à suidheachaidhean sìmplidh. Ann an 'Iain am measg nan Reultan', tha am balach beag a tha a' tilgeil a dhèideagan mu chasan a' bhùird a' samhlachadh mac-meanmna a' faighinn là mh an uachdair air saidheans, a rèir choltais.
'S e sgoilear a tha ann an Dòmhnall MacAmhlaigh a bha na Àrd-Ollamh agus tha buaidh na h-eanchainn agus na sgoileireachd tric ri fhaicinn sa bhà rdachd aige. Tha sin fìor fiù 's ann am bà rdachd gaoil leithid 'Ceumannan'. Glè thric anns na dà in sin, agus ann am feadhainn air Cuspairean eile cuideachd, tha e a' beachdachadh air nà dar na bà rdachd agus nan ealan.
Ged a tha a' bhà rdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh uaireannan doirbh agus domhainn, tha cuid a dhà in, leithid 'An t-Sean-bhean', anns nach eil ach dealbh sìmplidh, inntinneach air daoine, an coltas no an nà dar.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de dh'ìomhaighean na bhà rdachd, mar as trice measgaichte le dòighean-sgrìobhaidh nas dìriche. Uaireannan tha a' Ghà idhlig aige domhainn agus toinnte ach, uaireannan eile, tha i sìmplidh agus còmhraiteach. Glè thric bidh na dhà an lùib a chèile ann an dà n.
Anns a' chumantas, bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd na bhà rdachd agus mar as trice tha cruth na bà rdachd air an duilleig a' cur ris an dealbh no a' phuing a tha e a' dèanamh. Tha tòrr den bhà rdachd aige tlachdmhor ri leughadh a-mach. Tha i nas ceòlmhoire agus na ruitheamhan nas là idire na shaoilear air a' chiad sealladh.
Am bà rd ag aideachadh gum bi e ag ath-sgrìobhadh
O bithidh, bithidh. Bidh daoine ga mo chà ineadh airson sin uaireannan nuair a bhios a' chiad riochd dhen bhà rdachd is dòcha a thèid an clò agus bidh an ath riochd eadar-dhealaichte, bidh iad a' cantainn, oh chan eil sin ceart. Nise, chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil ciall sam bith aig an sin. Chan e a-mhà in gu bheil e ceart gu leòr do dhuine a' bhà rdachd aige fhèin atharrachadh, chan eil fhios agam, cha bithinn airson bà rdachd dhuine eile atharrachadh no gu dearbha cha bhithinn airson duine eile mo bhà rdachd-sa atharrachadh.
Ach tha mi a' smaoineachadh gu feum thu coimhead ris nach eil anns an rud a tha sgrìobhte ach dìreach teacsa agus, ged nach deigheadh atharrachadh idir, a h-uile h-uair a tha thu ga leughadh no ga chantainn leat fhèin, 's e mar gum biodh dà n ùr a tha sin, 's e ath-riochd, ath- mhìneachadh air an teacsa a th' ann agus tha mise a' smaoineachadh gu bheil a' chùis tòrr nas fosgailte na bhithear a' smaoineachadh glè thric.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.