Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Air an Somme
- An oidhche mus deach sinn a-null,
- Bha i drùidhteach a' sileadh;
- Bha mi fhèin nam laighe 'n cùil,
- 'S thug mi sùil feadh nan gillean.
- Ochan ì, ochan ì,
- Tha sinn sgìth anns an ionad.
- Ochan ì, ochan ì.
- Cuid nan suidhe 's cuid nan suain,
- Cuid a' bruadar 's a' bruidhinn,
- Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
- "Saoil am buannaich sinn tilleadh?"
- "Cha dèan biùgailear le bheul
- Ar pareudadh-ne tuilleadh;
- Thèid ar dealachadh bho chèil'",
- Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
- Agus mar a thubhairt b' fhior:
- Chaidh na ceudan a mhilleadh,
- Chaidh an talamh às a rian
- 'S chaidh an iarmailt gu mireag.
- Dhubh an à ird an ear 's an iar,
- Is an sliabh gu robh crith ann,
- Is chan fhaighinn m' anail sìos –
- Aileadh cianail an tine.
- Is cha chluinninn guth san à m
- Aig comanndair gar leigeil;
- Bha na balaich 's iad cho trang
- Cumail thall na bha tighinn.
- Bha gach fear a' caogadh sùl,
- 'S e air cùlaibh a chruinneig,
- A' cur peileir glas a-null
- Le uile dhùrachd a chridhe.
Air an Somme
Tha seo a' toirt dealbh air an t-suidheachadh san trainnse ceum eile air adhart. An toiseach a' leantainn air a' chiad rann, tha cuid de na gillean a' cadal, cuid a' bruadair. Agus an uair sin pìos 'drà ma', cuideigin a' cur ceist agus am bà rd ga freagairt, cruaidh ach onorach.
Le bhith ag rà dh nach bi iad a' pareudadh còmhla, tha e a' ciallachadh gum bà saich cuid aca. Tha an dòigh sa bheil e a' cur seo, gun am bàs ainmeachadh, ga fhà gail nas là idire agus nas nà darraich. Cha bhiodh duine ag iarraidh bruidhinn air bàs aig à m mar sin, ged a bha e air an aire.


