Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran a' Gheòidh
- Chuala mi 'n gèadh a' tighinn on iar
- S a-mach dhan an t-sliabh sheòl e –
- Chaidh siudach mar sgian nam chridhe gu fìor
- Is dh'fhà g e mo chiall brònach.
- Tha mise nis dall, cha ghluais mi ach mall,
- Tha nì na mo cheann neònach;
- Cha tèid mi dhan ghleann gu Lochan an Fhaing
- Ged gheibhinn na th' ann còmhla.
- Mus èireadh a' ghrian ghabhainn-sa sìos
- Is thiginn air meur sheòlta,
- Is chuirinn an gèadh na char far a sgiath,
- Oir bha mi san dreuchd eòlach.
- Ri sneachd agus fuachd is gailleann on tuath,
- Bhithinn-s' aig bruaich òbain,
- Is thiginn mun cuairt dhachaigh mu uair
- Le tunnagan ruadh Norway.
- Gun crìochnaich mi an dà n on chaidh mi na dhà il,
- Gun dùin mi gu brà th m' òran;
- Tha nitheigin ceà rr a b' à bhaist bhith slà n
- Na thinnsgeuladh bà is dhòmhsa.
Òran a' Gheòidh
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
