Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Air an Somme
- An oidhche mus deach sinn a-null,
- Bha i drùidhteach a' sileadh;
- Bha mi fhèin nam laighe 'n cùil,
- 'S thug mi sùil feadh nan gillean.
- Cuid nan suidhe 's cuid nan suain,
- Cuid a' bruadar 's a' bruidhinn,
- Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
- "Saoil am buannaich sinn tilleadh?"
- "Cha dèan biùgailear le bheul
- Ar pareudadh-ne tuilleadh;
- Thèid ar dealachadh bho chèil',"
- Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
- Agus mar a thubhairt b' fhior:
- Chaidh na ceudan a mhilleadh,
- Chaidh an talamh às a rian
- 'S chaidh an iarmailt gu mireag.
- Dhubh an à ird an ear 's an iar,
- Is an sliabh gu robh crith ann,
- Is chan fhaighinn m' anail sìos –
- Aileadh cianail an tine.
Air an Somme
Tha ceòl anns na faclan a tha am bà rd a' cleachdadh, ceòl trom, tiamhaidh m.e. a-null, drùidhteach, cùil, sùil.
Air an là imh eile, tha facail mar 'sileadh' agus 'gillean' biorach, cruaidh mar fhuaimean.
Tha an dà sheòrsa fuaim còmhla a' cur ris an dealbh agus ri faireachdainn na bà rdachd. Tha fonn trom, iomaigeanach a' cuairteachadh nan saighdearan.


