Âé¶¹Éç

20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Air an Somme

Thòisich Blàr an Somme air 1 Iuchar 1916. Chaidh faisg air 20,000 saighdear Breatannach a mharbhadh air a' chiad latha a-mhàin. Bhiodh na saighdearan ag ràdh gur e an t-àm nuair a bha iad a' feitheamh ri ionnsaigh a thoirt air an nàmhaid a b' eagalaiche na an t-sabaid fhèin. An seo tha am bàrd a' toirt dealbh air an oidhche ron bhatal chianail seo is iad a' gabhail fois anns an trainnse agus cuideachd air toiseach tòiseachaidh a' bhlàir fhèin. Chan eil e ag ràdh mòran mu fhaireachdainn fhèin. Tha sin a' tighinn tron dealbh a tha e a' toirt dhuinn air na thachair. Tha an dòigh anns a bheil e a' cleachdadh fuaim, agus gu h-àraidh an t-sèist, a' cur gu mòr ris an seo.


Anns a' bhàrdachd tha: dealbh air an t-suidheachadh ro làimh; sealladh farsaing air a' bhlàr; sealladh an t-saighdeir; agus fuaim, cànan agus sèist air an cleachdadh gu sgileil.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

³¢±ðò¾±²Ô³Ù¾±³¦³ó

DEALBH

Air an Somme

Air an Somme

Tha am fuaim 'ì' a' toirt buaidh an seo. Tha e coltach ri fuaim cumha air a' phìob, fuaim tìamhaidh, brònach.


Tha an t-sèist air leth cudromach sa bhàrdachd seo. Seo an t-aon àm a tha e ag innse nam faireachdainnean aige fhèin agus aig na saighdearan eile. Agus tha e a' ruith tron bhàrdachd air fad, eadar gach pìos dhen dealbh.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Bha gaol aig Dòmhnall Ruadh air sealg

Tha mi smaoineachadh gur e an rud a b' fheàrr leis a bhith a' dèanamh na bheatha, gur e a bhith a' sealg. Bhiodh e fhathast a' dol a-mach leis a' ghunna 's gun am fradharc aige uabhasach math agus bhiodh Anna, a bhean, bhiodh caran de dh' eagal oirre gum biodh e a' dol a-mach leis a' ghunna. 'S ged a bha a fhradharc air falbh, bheireadh e a-nuas lach fhathast.

Bha e cho mothachail air a h-uile h-àite a bha timcheall, 's bhiodh e a' smaoineachadh na sheann aois air na h-àiteachan sin gum biodh e a' dol nuair a bhiodh e a' sealg agus nuair a bhiodh e a' coiseachd timcheall.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.