Turas chun a' Somme
SM: Cho luath 's a thòisich an cogadh liostaig e agus b' ann dha na Camshronaich a chaidh e.
AM: 'S bha moit mhòr aige anns an rèisimeid sin gus an do bhà saich e. Bha e ri sealg mu do dh' fhalbh e a-riamh.
SM: Bha, agus bha e anns na h-òrain aige nuair a bha e anns a' chogadh. Bha e a' dèanamh ceangal eadar an t-sealg agus an t-saighdearachd, agus a' cumail cuimhne air là ithean òige: Cha b' e gunna mo nà mhaid a b' à bhaist mo dhùsgadh ach a' cheileireachd bhòidheach aig na h-èoin an Corùna. Bha an t-saighdearachd, bha e san fhuil aige. Thug e seo bho dhualchas bho shinnsearachd.
AM: Thug, bha e a' gabhail umhail anns an t-saighdearachd tha mi smaoineachadh.
SM: Saoil dè na faireachdainnean a bhiodh aca nuair a bha iad a' fà gail na dachaigh an toiseach.
AM: Uill 's tric a bhios mise a' smaoineachadh air an sin a Sheonaidh Ailig, ciamar a bha iad a' faireachdainn nuair a bha iad a' fà gail. Feumaidh tu cuimhneachadh nach robh iad air an taigh fhà gail riamh, a' chuid bu mhotha de na gillean sin. Bidh mi ga faicinn fhathast, a' fà gail na dachaighean agus a' smèideadh rin athraichean 's an leithid sin. Agus bha an riaghaltas air innse dhaibh gu robh iad gu bhith air ais airson na bliadhna ùir. Dè a' bhliadhna ùr? Seall fhèin na sluic a tha sin, far an do mharbhadh na ceudan aca. Agus ged nach robh iad cho glan sin, bhiodh iad fodha ann am poll 's ann an eabar agus sin agad an rud a bha romhpa nuair a theirigeadh iad a-null, gun sian a dh' fhios aca. Dh' fhalbh iad ann an aineolas 's gabh an riaghaltas cothrom air an sin, tha iad ag rà dh chun an latha an-diugh gu bheil an leithid sin a' tachairt.
SM: Agus dh' fhalbh iad cuideachd 's iad là n misnich. Bha iad air brosnachadh fhaighinn agus an uair sin bha iad gam faighinn fhèin ann an à iteachan uabhasach mar seo, anns na trainnsaichean. 'S chan eil rian nach do chaill iad am misneachd ri linn sin, saoil an do chaill?
AM: Chan eil fhios 'am. Cha b' urrainn leithid sin do dh' à ite a bhith cho mi-choltach ris an à ite shìtheil a dh' fhà g iad. Thà inig iad dhan uabhas a bha seo agus bha iad air an droch chòmhdach. B' e an deise Ghà idhealach a bh' orra ann an seo, rud a bu mhiosa a b' urrainn a bhith orra. Dh' fhuiling iad rud nach tuig sinne gu brà th.