Ged nach eil eòlas aig a' mhòr-shluagh air eachdraidh a bheatha, chan ann tric nach cuala iad cuid de na h-òrain a rinn Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir.
Rugadh Donnchadh BÃ n ann an Druimliaghairt an Gleann Urchaidh ann an 1724.
Cha robh sgoil anns a h-uile sgìre aig an à m ud agus cha d' fhuair e oideachadh foirmeil sam bith. Mar sin, cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aige, ach cha do dh'fhà g seo e gun eòlas air litreachas oir bha bà rdachd is òrain air bilean an t-sluaigh.
Chuir e seachad a' chiad phà irt de bheatha ag obair mar fhorsair do Mhorair Bhrà ghad Albainn. B' ann nuair a bha e a' siubhal nam monaidhean 's nan gleanntan timcheall air Coire Cheathaich agus Beinn Dòbhrain a rinn e na h-òrain Ghà idhlig air a bheilear eòlach an-diugh.
B' ann fhad 's a bha e ag obair mar fhorsair a phòs e Mà iri Nic an t-Saoir, no Mà iri Bhà n Òg, mar a bh' aige oirre san òran a rinn e dhith.
Ann am Bliadhna Theà rlaich, bha Donnchadh Bà n a' sabaid ann an airm an riaghaltais, air taobh Hanòbhair. A dh'aindeoin seo, tha e follaiseach bhon dà òran a rinn e air Blà r na h-Eaglaise Brice nach robh a chridhe le Rìgh Deòrsa.
Ann an 1766, ghluais e a Dhùn Èideann 's e air à ite fhaighinn ann am Freiceadan a' bhaile. B' ann an sin a chaidh a' chiad chruinneachadh dhen bhà rdachd aige fhoillseachadh ann an 1768.
Ann an 1793, chaidh Donnchadh Bà n do Rèiseamaid Bhrà ghaid Albainn mar shaighdear, agus dh'fhuirich e an sin gus an deach an sgaoileadh ann an 1799, nuair a thill e gu Freiceadan Bhaile Dhùn Èideann. Dh'fhuirich e an sin gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1806.
Bhà saich Donnchadh Bà n ann an Dùn Èideann ann an 1812, agus chaidh a thiodhlacadh ann an cladh Eaglais nam Manach Liath.
Ag innse mu rann le Donnchadh nach cuala mòran
Bhiodh e a' gabhail chuairtean, e-fhèin agus Mà iri a bhean, air feadh na Gaidhealtachd agus bha iad a' faighinn aoidheachd mhòr. 'S e duine cuideachail a bh' ann an Donnchadh Bà n a rèir an t-seanchais agus bhathas ag rà dh nach fhacas gruaim riamh air Donnchadh Bà n.
Tha ministear eile ag innse gu bheil cuimhn' aigesan gun tà inig Donnchadh agus a bhean chun an taigh acasan, tha mi smaoineachadh, 's e ministear a bh' ann an athair an duine bha seo cuideachd, agus gun d'fhuair e aoidheachd 's gun d'fhuair e urram anns an taigh aca.
Nise, nuair a bha e anns an Lios, nuair a bha e ann an Lios Mòr, sgrìobh Dòmhnall MacNeacail, am ministeir, Maighstir Dòmhnall, sgrìobh esan cuid de na h-òrain aige, a' chuid mhòr dhiubh. Agus ministear eile, Stìubhartach anns an Lios, chuir e crìoch air an sgrìobhadh no cheartaich e rudan.
Co-dhiù, cha robh sgoil aig Donnchadh ann, a rèir coltais. Bha naidheachd ann gu robh e latha ann an Dùn Èideann, tha mi smaoineachadh gur ann an Dùn Èideann a bha e, agus pà ipear-naidheachd aige 's e mar gum biodh e cuir an fhìrinn gu robh e leughadh a' phà ipeir. Ach thà inig cuideigin thuige agus thuirt e, "A Dhonnchaidh, tha am pà ipear agad caran bun-os-cionn, 's e an taobh eile a tha còir agad am pà ipear a chuir." "Ach," arsa Donnchadh, "sgoilear sam bith, leughaidh e pà ipeir no leughaidh e leabhar ann an cumadh sam bith."
Agus bhiodh e air a chumail, tha mi cinnteach, air fhà gail air daoine aig nach robh sgoil le daoine eile aig an robh sgoil, nach robh iad cho math, cho ealanta riuthasan. Ach, tha fianais ann gum b' urrainn dha ainm a sgrìobhadh. Nise, bha seo cumanta, daoine aig nach robh sgoil, dh'ionnsaicheadh iad leithid siud a dhèanamh, dìreach an ainm a chuir ri pà ipeir.
Tha na h-òrain aige, a' chuid mhòr, mhòr dhiubh tha mi smaoineachadh, anns na leabhraichean a thà inig a-mach. Thà inig mòran editions, mar a chanas sinn ann am Beurla, dhen a' leabhar aig Donnchadh Ban a-mach, chan eil cuimhn' am an e dusan dhiubh a chunnaic e fhèin mus do chaochail e.
Tha ceathramh no dhà thall 's a bhos a chluinneas tu, tha iad air a' fà gail air Donnchadh Ban. Tha aonan ann co-dhiù gun do thachair e air a' ghille bha seo, 's bha 'n gille bha seo anabarrach sgaiteach, agus thòisich Donnchadh air bruidhinn agus bha am fear òg ga fhreagairt agus a' sealltainn gu robh e eirmseach 's nach robh facal fada bhuaithe. Ach 's e bun a bh' ann gun do thòisich iad air sloinneadh 's a' faighneachd.. Donnchadh a' faighneachd cò e agus cò bu dhaoine dha - 's e mac leis fhèin a bha seo. Cha b' ann as an teaghlach le Mà iri Bhan Òg ach cuideigin eile a bh' aige mus do phòs e.
Nise, cluinnidh tu an naidheachd tha sin thall 's a bhos mu dhaoine eile. Ach tha rann ann, 's ann an Loch Abar a chuala mise an toiseach e, ach bha an aon rann aig Alasdair Camshron ann am Bun Alt Beathchainn, am fear a bhiodh a' sgrìobhadh ann am pà ipearan, 's chuir e leabhraichean beaga a-mach cuideachd fon t-ainm North Argyll. Bha Alasdair ag obair air an rathad mhòir a' bristeadh chlach 's leithid sin, agus aig a' cheart à m, bha foghlam na sgoile bige aige, ach cha robh an còrr. Ach dh'ionnsaich e e-fhèin agus e dìreach sà r sgoilear a bh' ann an Alasdair, 's bha an rann sin aige cuideachd.
Nise, tha mi smaoineachadh gu bheil 's dòcha barrachd as an rann a th' agamsa ach seo an naidheachd: bha goibhnean ann am Bar a' Chaisteile, Clann an Aba a bh' annta, faisg air Dà il Mhà ilidh. Agus 's e daoine iomraiteach a bh' annta. Bhiodh iad a' dèanamh chlainntean 's bhiodh iad a' dèanamh lannan is leithid, o a' dol air ais ceudan bliadhna. Mun à m sin, 's e chuid mhòir dhen obair aca 's e cruitheadh each 's a' cearcallachadh rothan chairteach, 's a leithid.
Co-dhiù, chaidh Donnchadh gu Mac an Aba an latha bha seo, agus bu chòir dhomh rà dh cuideachd gu robh ùidh mhòir aig Clann an Aba ann an òrain 's ann am bà rdachd, agus nuair a bhathar a' cruinneachadh duain is dà in Ossian anns an ochdamh ceud deug, thug iadsan seachad.. bha saoibhreas aca dhe na duain a bha sin agus thug iad seachad do sgoilearan cuid mhath.
Co-dhiù, chaidh Donnchadh a choimhead air Mac an Aba agus thuirt e, "An dèanadh tu sgian dhomh?" ars esan. "O nì," ars a' ghobha, "nì mi sgian dhut gun teagamh." Agus rinn an gobha sgian agus chaidh e a-mach an uair sin a shealg agus mharbh e boc-goibhre ann an à ite ris an canar Coire Chuarain. Agus thug e adharc bhon a' bhuic agus chuir e dealbh shònraichte air an adharc, 's chuir e iarann air a sgeinneadh as an adhairc.
Agus an larna-mhà ireach no uaireigin, thà inig Donnchadh agus, "a bheil an sgiann deiseil?" "Tha," ars a' ghobha, "tha i ann an seo." Agus, chuir e a là imh Dhonnchaidh i agus bha Donnchadh uamhasach toilichte leis a' sgithinn. "Dè th' agam ri thoirt dhut," ars esan ris a' ghobha. "Chan eil," ars a' ghobha, "ach rann." Agus dìreach anns an t-seasamh thuirt Donnchadh:
"Fhuair mi 'n-diugh mo rogha sgeinneadh ùr às an teine air a deagh bhualadh; 's guma slà n dhan là mh tha treubhach rinn gu tana, geur, cruaidh i 's tha i 'n-diugh an adhairc na goibhre a chaidil a-raoir an Coire Chuarain."
Nise, bha rann a bha sin, cha chuala mise anns na h-eileanan agus cha chuala mi san Eilean Sgitheanach idir e, ach bha e dìreach ann an teis mheadhan na Gaidhealtachd far an robh Donnchadh cho eòlach.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.